24 An Giblean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 17:10 BST
Niall O'Gallagher
ThĂ inig na h-aonaidhean ciĂąird gu meadhan Ă rd-Ăąrlair poileataics na h-Alba an t-seachdain seo.
Aig Ceistean a' Phrìomh-Mhinistear Diardaoin, bha tòrr deasbaid ann agus coltas gum bi stailc aig Ionad Ola Inbhir Ghrà innse a' toiseachadh Didòmhnaich.
Dh'fhaillich e air an aonadh Unite agus a' chompanaidh leis a bheil an t-Ionad, Ineos, aonta a ruighinn oidhche Chiadain.
Bha an t-aonadh mì-thoilichte mu dheidhinn atharrachaidhean air peinnseanan, agus dh'ullaich 1,200 neach airson coiseachd a-mach à Inbhir Ghrà innse bho Dhidòmhnaich gu Diluain.
Dh'fhaighnich Ceannard nan Tòraidhean, Annabell Goldie, an robh planaichean ann gus an dùthaich a chumail a' dol mar as à bhaist, a dh'aindeoin stailc.
Am beachd Ailig Salmond tha connadh gu leòr ann a mhaireas gu ruige a' Chèitein agus, nam biodh feum air, b' urrainn don Riaghaltas connadh a bharrachd a cheannach bho thall thairis.
Thog Ceannard nan Libearalach-Democratach ceist mu luchd-reic a bha a' feuchainn ri prothaid a dhèanamh às an t-suidheachadh, agus aithrisean ann gun robh feadhainn air prìsean a chur suas gu còrr is £1.30 gach liotair.
Chaidh sin a chà ineadh le Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney, 's thuirt e gum biodh e feargach nam biodh luchd-reic a' feuchainn ri brath a ghabhail air daoine san dòigh seo.
Thuirt Mgr Salmond nach robh a leithid seo a' tachairt cho tric 's a bhathar a' creidsinn, agus mhìnich e gur ann fo smachd Westminster a bha cumhachdan air prìsean.
Thuirt e gum biodh e deònach bruidhinn ri Riaghaltas Westminster nan robh e coltach gun robh luchd-reic a' cur phrìsean an à irde gu ìre mhòir.
Cha do dh'fhoighnich ceannard nan labarach ceist air a' chuspair seo idir.
"Iarrtas sònraichte, agus 'am facal S'"
An Ă ite sin, dh'fhaighnich Wendy Alexander mu bhuaidh chompanaidhean coimeirsealta air Riaghaltas an SNP.
Na beachd-se, tha companaidhean leithid FirstGroup agus a' bhuidheann Trump a' faighinn "èisdeachd sònraichte" bhon Riaghaltas.
B' ann mu dheidhinn sin a bha ise a' bruidhinn aig Co-Labhairt Aonaidhean CiĂąird na h-Alba ann an Inbhir Nis DimĂ irt.
Mar fhreagairt, thuirt Ailig Salmond, ged nach b' ann ris-san a bha e an urra, cuspair cheistean cheannard a' phartaidh dhubhlannaich, gum bu chòir do Mhs Alexander a h-aire a chumail air gnothaichean a bha a' dèanamh dragh do mhuinntir na h-Alba.
Am measg nan duilgheadasan aig a' Phrìomhaire Gòrdan Brown mu chur às do dh'ìre 10sg sa chìs chosnaidh, bha gun robh Wendy Alexander a' feuchainn ri rà dh gur e partaidh na là imhe clì a bha anns na Là baraich.
Chleachd i fiù 's "am facal 'S'" - sòisealachd - a chaidh a-mach à fasan fo stiùr Thonaidh Bhlair agus na Là baraich Ùra.
Thuirt Wendy Alexander gun robh i moiteil às eachdraidh is thraidisean sòisealachd anns a' phartaidh aice agus gur e fealla-dhà a bhiodh ann a rà dh gur e partaidh na là imhe clì a bha anns an SNP.
Ach a' bruidhinn ris an STUC, thuirt Ailig Salmond gun robh "com-pà irteachas sòisealta" eadar Riaghaltas an SNP agus na h-aonaidhean ciùird.
Rinn Mgr Salmond a dhìcheall cuideachd a dhol an-aghaidh na h-argamaid gu bheil an t-Aonadh eile - eadar Alba agus Sasainn - nas fheà rr na neo-eisimileachd do bhuill nan aonaidhean ciùird.
B'e sin a bha am Prìomhaire a' cumail a-mach aig a' cho-labhairt Diluain.
Tha sabaid a' gabhail à ite, is coltach, mu phoileataics na là imhe clì eadar an dà phartaidh as motha ann an Alba an-drà sta.
Tha na Là baraich airson grèim a chumail air an luchd-bhòtaidh traidiseanta aca.
Tha an SNP a' coimhead air adhart ri taghaidhean Westminster a dh'fhaodadh tachairt ann an 2010. Thuirt Mgr Salmond aig Co-Labhairt an SNP air an deireadh sheachdain gur e amas an SNP barrachd air 20 seat fhaighinn anns na taghaidhean sin.
Sin rud a bhios Wendy Alexander agus Gordon Brown fhèin ag iarraidh a sheachnadh.