16 An Cèitean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 14:37 BST
Niall O'Gallagher
Neach-naidheachd Poileataiceach ´óÏó´«Ã½ Alba
As dèidh seachdain ga dhìon fhèin, thòisich am Prìomhaire, Gòrdan Brown a' sabaid air ais.
Dh' fheuch e ri fhaighinn seachad air an fhearg a bh' ann mu phlanaichean an Riaghaltais airson cur às dhan ìre deich sgillinn dhen chìs chosnaidh agus a' chonnspaid mu referendum air neo-eisimeileachd do dh' Alba.
Mar sin dheth, nochd an Seansailear, Alasdair Darling, ann an Taigh nan Cumantan Diciadain le plana gus taic a thoirt do dhaoine a chaill mar thoradh air an atharrachadh anns a' chìs chosnaidh, agus gus taic a thoirt don Phrìomhaire fhèin.
Suas £600
Ron an seo, bha Alasdair Darling air a rà dh nach b' urrainn dha am buidseat atharrachadh, ach b' e sin an dearbh rud a rinn e Diciadain.
'S e plana Mhgr Darling gun tèid an suim as urrainn do dhaoine chosnadh, gun cìsean a phà igheadh, suas £600 gu £6,035.
Ma bhòtas buill-phà rlamaid air a shon, thig e an gnìomh anns an t-Sultain, ach gheibh daoine a' bhuannachd a' dol air ais gu toiseach na bliadhna ionmhais.
Thuirt Mgr Darling gum biodh sin a' ciallachadh gum faigheadh 80% de na daoine a chaill mar thoradh air cur às do dh'ìre deich sgillinn, air ais gach sgillinn a chaill iad.
Ach cuideachd bidh e a' toirt buannachd luach £120 do gach duine a phà igheas a' chìs aig an ìre à bhaistich.
°Õò°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô
Chaidh na planaichean a chà ineadh le Seòras Osborne bho na °Õò°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô, a thuirt gun robh sùil an Riaghaltais air fo-thaghadh Chrewe agus Nantwich is chan ann air maith a' mhòr-shluaigh.
Feumaidh an Riaghaltas £2.7m fhaighinn air iasad gus pà igheadh airson seo am bliadhna - agus dh'aidich Mgr Darling gum biodh mu 1.1m duine nas miosa dheth fhathast.
Ach, tha cùl-bheingearan Là barach fada nas toilichte na bha iad.
Thà inig leisgeul fiù 's bho Frank Field, am ball as treasa an aghaidh a' Phrìomhaire air a' chìs deich sgillinn.
Nochd Mgr Field air Seirbheis Cruinne a' BhBC ag rà dh nach robh Mgr Brown toilichte na dhreuchd is gum bu chòir dha smaointinn air a leigeil dheth.
Bhruidhinn e cuideachd air droch nà dar Mhgr Brown is mar a b' à bhaist dha bhith ag èigheachd air daoine.
Ach ann an Taigh nan Cumantan Diciadain, thuirt Mgr Field gun robh e duilich mu dheidhinn na thuirt e, is mu cho pearsanta 's a bha e air a bhith.
Seachad?
Mhol e Mgr Darling airson stad a chur air a' chonnspaid, ach 's e a' cheist, a bheil e gu tur seachad?
Là as dèidh sin thug Mgr Brown òraid seachad mu phlanaichean an Riaghaltais airson na h-ath-bhliadhna.
Thuirt e gur e 'ionmhas theaghlaichean' a bhiodh aig cridhe an Riaghaltais anns an à m ri teachd.
Mhìnich e planaichean gus cuideachadh a thoirt do theaghlaichean a tha a' faighinn chuisean doirbh is na sporain aca cho gann.
An t-seachdain seo, tha Ceannard Banca Shasainn, Mervyn King, air a rà dh gu bheil na 'deich bliadhna furasta' seachad.
Ma tha seachdain doirbh do Ghòrdan Brown seachad, 's dòcha gu bheil deichead doirbh don eaconamaidh, agus mar sin dheth, do luchd-poileataics, dìreach a' tòiseachadh.