23 An Cèitean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 15:21 BST
Niall O'Gallagher
Neach-Naidheachd Poileataiceach ´óĎó´«Ă˝ Alba
Tha am Partaidh Tòraidheach ann an deagh thriom is co-là bhairt Albanach aca a' tòiseachadh ann an Inbhir Àir.
As dèidh mar a bhuannaich iad a' chiad fo-thaghadh Westminster aca ann an cha-mhòr 30 bliadhna, thuirt ceannard a' phartaidh, Dà ibhidh Camshron gun robh 'New Labour' air tighinn gu crìch.
Agus a dh'aindeoin Là baraich a' dol mun cuairt le adan mòra orra - is iad ag rà dh gur e 'Toff' a bha anns an tagraiche Tòraidheach Eidseard Timpson - cha b'urrainn do Thamsin Dunwoody grèim a chumail air seat a chum a mà thair.
Fhuair na Tòraidhean 49% den bhòt ann an Crewe agus Nantwich, a' cur às don mhòr-chuid de 7,000 a bha aig Gwyneth Dunwoody.
Taghadh Coitcheann
Nan tachradh sin aig an ath-thaghadh choitcheann, 's e Mgr Camshron a bhiodh ann an SrĂ id Dhowning.
Tha am Prìomhaire, Gòrdan Brown, a' cumail a-mach gur esan an duine as fheà rr gus an dùthaich a stiùireadh tro aimsir dhuilich.
Ach tha na Tòraidhean den bheachd gu bheil e air grèim a chall air an stiùir.
Cha bhi an ath-thaghadh ann gu ruige 2010 - ach am bi sin gu leòr do Ghòrdan Brown gus an soitheach a thionndadh?
Mar a tha fhios aig Mgr Camshron, 's e Ă ite eadar-dhealaichte a tha ann an Alba.
Bho chionn bhliadhnaichean, 's i dùthaich fhuar don phartaidh Tòraidheach a bh' innte.
Ach cha robh e mar sin a-riamh.
An soirbhicheadh leis na Tòraidhean ann an Alba a-rithist?
Ro fhaisg?
Aig toiseach na co-là bhairt Albanaich aca ann an Inbhir Àir, tha ceannard Albanach nan Tòraidhean a' cumail a-mach gu bheil iad a' soirbheachadh mar-thà .
Tha cuid ga cĂ ineadh airson a bhith ro fhaisg air na NĂ iseantaich ann am PĂ rlamaid na h-Alba.
Bhòt na Tòraidhean airson buidseat an SNP.
Tha na ceistean a chuireas Annabell Goldie air a' Phrìomh Mhinistear aoireil is èibhinn.
Ach tha ise a' cumail a-mach gu bheil na Tòraidhean a' faighinn ghealltanasan a rinn iad ron taghadh tron Phà rlamaid, mar eisimplear air drogaichean agus à ireamhan poilis.
Chan eil sin dona, theireadh ise, do phartaidh le dìreach 16 buill anns a' phà rlamaid ('s e ball neo-phoileataiceach anns an Oifigear-Riaghlaidh, Ailig Fearghasdan).
Agus tha i an dòchas gum bi am mòr-shluagh ag aontachadh rithe is a' cur barrachd bhall Tòraidheach gu Pà rlamaid na h-Alba anns an ath-thaghadh.
Tha na Tòraidhean a' lorg taic bho dhaoine a tha mì-thoilichte mu phoileasaidhean ceartais Riaghaltas na h-Alba, is Annabell Goldie ag rà dh gu bheil sinn a' fuireach ann an 'Soft Touch Scotland' fon SNP.
Agus tha i a' cumail a-mach gur iad an aon phartaidh a tha a' dìon an Aonaidh, as dèidh atharrachaidhean air pholasaidh Wendy Alexander mu referendum air neo-eiseimeileachd.
Anns an òraid aige aig a' cho-là bhairt Dihaoine mhol Dà ibhidh Camshron an ceannard Albanach aige, ag rà dh gu bheil an sabaid ann an Alba eadar "solid Goldie" agus "bendy Wendy".
Thuirt e gur e "partaidh an Aonaidh" a bha anns na Tòraidhean.
Thuirt e nach robh am Formula Barnett cothromach, is cha bu chòir do bhuill phà rlamaid Albanach ann an Westminister bhòtadh air cùisean a bheir buaidh air Sasainn a-mhà in.
Ach, thuirt e cuideachd: "'S'fheĂ rr Aonadh neo-choilionta na Aonadh a tha briste."
Bha na Tòraidhean fhèin briste ann am Breatainn fad bliadhnaichean.
As dèidh na seachdain seo, tha sin air atharrachadh is iad an dòchas gun tèid Riaghaltas Bhreatainn atharrachadh a dh'aithgheà rr
cuideachd.