30 An Cèitean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 18:32 BST
Niall O'Gallagher
Neach-Naidheachd Poileataiceach ´óÏó´«Ã½ Alba
"Is e poileataics ionadail a tha ann am poileataics gu lèir."
Sin a thuirt Thomas "Tip" Ó Néill, a bha na Labhraiche Thaighean na Còmhdhail anns na Stà itean Aonaichte.
Agus an t-seachdain seo, b'e buaidh nam prìsean connaidh air coimhearsnachdan ionadail an cuspair as motha ann am poileataics na h-Alba.
Chaidh aontachadh aig deasbad oidhche Ardaoin gum feum taic a thoirt do dhaoine ann an sgìrean iomalach a bha a' fulang.
Bha cha-mhòr gach sgìre dhùthchail air a riochdachadh aig an deasbad, a chaidh a ghairm le ball nan Eilean Siar, Alasdair Allan.
Agus bhruidhinn buill bho gach partaidh - ach am Partaidh Uaine - mu bhuaidh ìre nam prìsean.
Tha Mgr Allan a' moladh sgeama leithid na th' aca anns an Fhraing, far a bheil daoine anns na à iteachan as iomalaiche a' pà igheadh nas lugha ann an cìsean.
Ach 's ann fo smachd Westminster a tha prìsean connaidh, mar a mhìnich an Lib-Deamach Iain Fearchar Rothach, 's e a' bruidhinn ri Rèidio nan Gà idheal as dèidh an deasbaid:
"Tha e furasta gu leòr don Riaghaltas ann an Dùn Èideann a bhith a' gearrain mu dheidhinn seo, ach chan urrainn dha dad sam bith a dhèanamh mu dheidhinn."
"Ach nam biodh an Riaghaltas ann an Lunnain deònach rudeigin a dhèanamh, thachradh e dìreach anns an spot."
"Masladh nà iseanta"
Ann am freagairt do cheist bho chùl-bheingear an SNP, Jamie Hepburn, chà in Ailig Salmond Riaghaltas Bhreatainn ann am Pà rlamaid na h-Alba Diardaoin.
Bha am Prìomhaire, Gòrdon Brown, agus an Seansalair, Alasdair Darling, ann am Banchory Diardaoin airson coinneimh le ceannardan na h-ola.
Chum iad a-mach gur i ìre prìs na h-ola a bu choireach son na prìsean à rda, agus thug iad cead do chompanaidhean, dà raon ùr a stèidheachadh gus ola a' bharrachd a thoirt bhon Chuan an Tuath.
Ach thuirt Mgr Salmond gur e "masladh nà iseanta" a bh' ann gun robh Alba a' dèanamh na h-ola agus daoine ga fhaighinn doirbh pà igheadh air a son.
Thuirt e gun robh Roinn an Ionmhais ann an Lunainn a' faighinn ceithir millean not a bharrachd na bha iad an dùil bho chìsean connaidh ann an Alba.
Agus dh'fhaighnich e carson nach robh an t-airgead sin air a chleachdadh gus taic a thoirt do dhaoine ann an Alba fhèin.
Bochdainn connaidh
Dh'fhoillsich Riaghaltas Bhreatainn Dihaoine planaichean gus taic a thoirt do theaghlaichean a tha ga fhaighinn doirbh na dachaighean aca a theasachadh.
Thuirt iad gum bu chòir do chompanaidhean dealain, fiosrachadh a thoirt do chompanaidhean eile air sgà th 's gum bi fios aig gach tè dhiubh cò bha ann am "bochdainn connaidh."
Tha sin a' ciallachadh daoine a tha a' pà igheadh barrachd air 10% de na tha iad a' cosnadh air connadh.
Tha prìsean nas ìsle aig na companaidhean do dhaoine mar seo, agus tha an Riaghaltas den bheachd gum bu chòir daoine a bharrachd a bhith gan cleachdadh.
Ach tha cuid dhen bheachd nach tèid na planaichean seo fada gu leòr gus taic a thoirt do dhaoine - peinseanaran nam measg - a tha a' fuireach ann an taighean fuara.
Agus, anns an aimsir fhuar eaconamach seo, 's e taic a tha a dhìth cuideachd air an Riaghaltas agus, gu sònraichte, air Gòrdon Brown fhèin.