---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
°äà ²Ô²¹¾±²Ô
|
Ìý |
Ìý
An Latha Mu Dheireadh
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý
B' e seo an là mu dheireadh aig Pà rlamaid na h-Alba mus deach na buill air saor-laithean.
Agus bha cuid a' ceasnachadh am biodh an là mu dheireadh aig Wendy Alexander fad air falbh. Bha ceannard nan Là barach aig Holyrood air a guth a chall agus as dèidh a' chiad ceist bhuapa, thog Cathy Nic Sheumais na ceistean na h-à ite airson nan Là barach. 'S e seisean beothail a bha ann, ach 's urrainn tuigsinn gun robh inntinn Wendy Alexander an à ite eile. B' e an t-à ite sin, seòmar comataidh 6, far an do thòisich comataidh inbhean na pà rlamaid coinneamh aig 1f. Aig a' choinneimh sin, bha an seachdnar bhuill a' deasbud dè am peanas a chuireadh iad air Wendy mar thoradh air a' chonnspaid mu thabhartasan a ghabh i. Dh'aidich Wendy Alexander gun do bhris i na riaghailtean as dèidh nach do chlà r i 10 tabhartasan taobh a-staigh 30 latha, gach fear mu £1000, son an iomairt aice airson cearnardais na buidhne . Airgead, mar a thachair, nach robh a dhìth oirre, seach nach do sheas duine sam bith na h-aghaidh. Thuirt Wendy Alexander gun do dh'iarr i comhairle mu na tabhartasan seo bho chlèirich na comataidh inbhean agus sgrìobh iad thuice ag rà dh nach b' fheudar dhith an clà radh. Ach, nuair a dh'iarr i a' chomhairle seo bha an ùine anns am bu chòir dhi cuid de na tabhartasan seo a chlà radh air a dhol seachad mar-thà . Chuir a' chomataidh romhpa diaciadain a dhol le beachd coimiseanear inbhean na Pà rlamaid, An Dr Jim Dyer, gun robh Wendy Alexander air na riaghailtean a bhriseadh. Ach dh'aontaich iad fhagail gu diardaoin mus ruigeadh iad co-dhùnadh mun bhinn a rachadh a chur oirre. Peanasan A-measg nam peanasan a b' urrainn don chomataidh cur oirre, 'se gun deidheadh a cur à s a' phà rlamaid airson greis. As dèidh sin, dh'fheumadh a' phà rlamaid fhèin bhòtadh air moladh a' chomataidh. Ach nuair a thà inig à m na bhòt aig 1455 cha robh a' chomataidh deiseal moladh a thoirt seachad, agus chrìochnaich bliadhna na pà rlamaid gun bhòt air Wendy Alexander. Agus, mu 3f, dà uair as dèidh dhaibh tòisicheadh, dh'iarr a' chomataidh bà rrachd tì agus ceapairean. °ä´Ç-»å³óù²Ô²¹»å³ó Beagan ro 4f, chaidh na camarathan a chur a-staigh gu seòmar comataidh a 6 agus, ball as deidh ball, dh'innse a' chomataidh ciamar a bhiodh iad a' bhòtadh. Bhòt 4 airson peanas a chur air Wendy Alexander an aghaidh 3 a bhòt nach bu chòir. An uairsin, bhòt an 4 bhuill a bha airson a' peanasachadh gum bu chòir casg aon latha a chur oirre - air a' chiad diciadain as dèidh dhan a' phà rlamaid bhòtadh air a' chùis. Dhiùlt an triùir bhuill eile bhòtadh air seo. Mar as trice bhiodh a' phà rlamaid a' leantainn molaidh mar seo bho chomataidh. Ach an turas-sa chan eil e cinnteach dè bhios a' tachairt. Nam biodh buill pà rlamaid a bhòtadh mar bhòt na buill aca anns a' chomataidh - na Nà iseantaich agus na Libearalaich Dheomocratach airson peanais, na Là baraich agus na Tòraidhean na aghaidh - bhiodh 63 bhòt air gach taobh. An uairsin bhiodh aig an dithis bhon phà rtaidh uaine agus ris a' bhall neo-eisimileach Margo NicDhòmhnaill a chur romhpa dè thachradh ri Wendy Alexander. 'S coltach gum bi e glè fhaisg. Ach cà ite a bheil seo a' fà gail Wendy Alexander? Ge bi dè an dòigh anns a bhios a' phà rlamaid a bhòtadh anns an t-Sultain, 's e droch latha dhà -rìribh dhi a bha seo. Feumaidh i feitheamh gu ruige an t-Sultain mus faigh i cothrom faighinn seachad air connspaid a tha air a bhith ga leantainn bhon a thòisich i na dreuchd. B' urrainn dhi fuireach anns an dreuchd sin as dèidh bhòt na h-aghaidh - ach 's e ceist eile an urrainn dhi piseach a thoirt air a h-ìomhaigh ann an sùilean a' mhòr-shluaigh. Ìý
|
Ìý |
AN TUILLEADH
Ìý
|
|||||||||||||||||||||
Ìý |
|
||||||||||||||||||||||
Ìý | |||||||||||||||||||||||
|