30 An t-Ă’gmhios, 2008 - Air fhoillseachadh aig 10:38 BST
Niall O'Gallagher
Neach-naidheachd Poileataigeach ´óĎó´«Ă˝ Alba
Bha còir fios a bhith againn gun robh rudeigin fada ceà rr nuair a bha tèine anns a' Phà rlamaid oidhche Ardaoin.
Ruith sinn uile bhon phĂ rlamaid is fĂ ileadh na toit a' tighinn suas staidhre tĂąr nam meadhanan.
An turas-sa cha deach cron sam bith a dhèanamh air an togalach fhèin.
Ach cha b' e sin an suidheachadh do Wendy Alexander - chaidh cròn a dhèanamh oirre agus cha ghabhadh a chà radh.
Bha comataidh nan inbhean air moladh gum bu chòir casg aon là a chur oirre, agus dà là as dèidh sin, bha i air a dreuchd a leigeal seachad.
Binn
Fhuair comataidh nan inbhean gun do bhris Wendy Alexander na riaghailtean 's i gun tabhartasan a fhuair i san iomairt aice airson cheannas a' phĂ rtaidh a chlĂ radh taobh a-staigh 30 latha.
Dh'aidich Wendy Alexander gun do bhris i na riaghailtean, ach thuirt i gun do dh'iarr i comhairle bho luchd-obrach na pĂ rlamaid a thuirt nach fheumadh i na tabhartasan a chlĂ radh.
Ach, nuair a dh'iarr i a' chomhairle seo, bha i air na riaghailtean a bhriseadh mar-thà , agus chuir a' chomataidh romhpa gur ann oirrese a bha an dleastanas, ge bith dè a' chomhairle a fhuair i bho na h-oifigearan.
Nuair a mhìnich a' chomataidh an co-dhùnadh aca, bha buill air fhà gail mar-thà is a' Phà rlamaid a' toiseachadh saor-laithean an t-samhraidh.
Dh'fhà g sin gun robh aig Wendy Alexander fuireach cho fada ris an t-Sultain mus bhòtadh buill air moladh na comataidh agus chur i roimhpe nach robh i deònach sin a dhèanamh.
Madainn Disathairne, dh'fhĂ g i a dreuchd.
Farpais
'S e a' cheist a-nis aig a' Phartaidh Là barach ann an Alba, cò thèid na h-à ite?
Dh'fhĂ g Wendy Alexander a dreuchd mar thoradh air airgead airson farpais nach do thachair agus tha feadhainn a' creidsinn gur e mearachd a bh' ann nach do sheas duine na h-aghaidh.
Tha an fheadhainn sin airson a' mhearachd sin a sheachnadh an turas-sa, agus aig toiseach na seachdain bha triĂąir no ceathrar a' beachdachadh a bhith nan tagraichean.
Thathar an dĂąil gun seas Anndra MacIlleChiar agus Iain Gray airson na dreuchd.
Bha an dithis aca roimhe nam ministearan, Mgr MacIlleChiar anns a' phĂ rlamaid mu dheireadh agus Mgr Gray anns a' chiad phĂ rlamaid, mus do chaill e an seat aige ann an 2003.
Thathar ag rà dh gu bheil Mairead Churren a' feuchainn ri faighinn a-mach a bheil taic gu leòr aicese mus cuir i roimhpe a h-ainm a chur air adhart.
Agus, air an deireadh sheachdain, thuirt leas-cheannard nan Là barach aig Holyrood, Cathy NicSheumais, gum biodh farpais math don phà rtaidh, ged nach robh i cinnteach fhathast an seas i fhèin airson na dreuchd.
Riaghailtean
Mus tèid ainmeachadh - no a h-ainmeachadh - feumaidh taic a bhith aig ball bho chòignear bhall eile.
An uairsin, bidh bhòt aig buill a' phartaidh, buill phà rlamaid Westminster, Eòrpach agus Albanach, agus aig na h-aonaidhean ciùird agus buidheanan eile a tha ceangailte ris a' phà rtaidh.
Tha dĂąil gun tig clĂ r-ama am follais aig deireadh na seachdain.
Ged 's ann ann an dìomhaireachd a bhios buill à bhaisteach a' bhòtadh, thèid bhòtaichean aig buill phà rlamaid a chlà radh gu poblach.
Bidh e inntinneach fhaicinn ciamar a bhòtas Gòrdon Brown, ma bhòtas e idir.
Air an deireadh sheachdain, thuirt am Prìomh Mhinistear Là baraich mu dheireadh, Seac McConnell, gu feum am partaidh Albannach ceannard Holyrood a thaghadh gun chuideam bho dhuine sam bith eile.
B' e fear dhe na trioblaidean as mòtha aig Wendy Alexander gun robh daoine a' smaointinn gun robh i fo smachd Ghòrdon Brown.
Agus, nuair a dh'fheuch i ris an t-slighe aice fhèin a chomharrachadh, mu referendum air neo-eisimileachd, cha d'fhuair i an taic a bha a dhìth oirre.
Cha bhi am prìomhaire airson 's gum bi e fada mus bi ceannard Holyrood ùr aig a' phartaidh Là barach, is fo-thaghadh Westminster ron phartaidh ann an Glaschu an Ear.
Ach feumaidh am partaidh Là barach an neach ceart a thaghadh às dèidh bliadhna dhuilich a bhith aca a' strì an aghaidh Ailig Salmond agus an SNP.