´óĎó´«Ă˝

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

03 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 17:26 BST

Niall O'Gallagher
Neach-naidheachd Poileataiceach ´óĎó´«Ă˝ Alba

Seachdainn eile, Ceannard eile

Bha a' chuid as motha de luchd-naidheachd air a dhol dhachaigh nuair a dh'fhoillsich Nicol Stephen gum biodh e a' leigeal dheth a dhreuchd mar cheanard nan Lib Demaich an Alba.

As dèidh trì bliadhna san obair, thuirt Mgr Stephen oidhche chiadain gun robh e airson barrachd ùine a chur seachad le theaghlach.

Chuir sin ioghnadh dhà-rìribh air an fheadhainn a bha an làthair.

Bha beachd ann gun do dh'fhàs Mgr Stephen gu math comasach ann an seòmar na pàrlamaid.

Chleachd e deasbadan gus ceistean a thogail mu na gealltanasan a rinn an SNP ron taghadh, mar fiachan nan oileanach agus mu chonnspaid Dhòmhnaill Thrump.

Ach chuir Nicol Stephen roimhe gun robh an dreuchd a' toirt buaidh ro mhòr air a theaghlach - a bhean agus an ceathrar chloinne.

Nuair a chaidh a stèidheachadh, bha pàrlamaid na h-Alba gu bhith eadar-dhealaichte, le uairean-obrach a bhiodh freagarrach do theaghlaichean.

Ach bha aig Mgr Stephen taghadh eadar a dhreuchd agus a theaghlach.

"Tha fios aig gach duine a tha an sĂ s ann am poileataics gun toir e buaidh air beatha a' theaghlaich," thuirt e.

"Ach nuair a thèid e thairis air an sin, feumar rudeigin a dhèanamh."

Teaghlach

A' bruidhinn air prògram Radio nan Gàidheal, Airthis na Maidne diardaoin, thuirt am ball pàrlamaid Gàidhleach, Iain Fearchar Rothach, gu do thuig e carson a bha Mgr Stephen a' fàgail:

"Tha teaghlach mòr aige, a tha a' fuireach suas ann an Obar Dheathain, agus tha mi cinnteach gun robh e den bheachd nach robh seo ag obrachadh a-mach cho math 's a bha e ag iarraidh."

"Leis an sin, tha e den bheachd gu bheil an teaghlach a' tighinn air thoiseach air poileataics agus tha mi ag aontachadh leis na beachdan a tha sin."

Bha Nicol Stephen na Leas-Phrìomh Mhinistear anns an riaghaltas mu dheireadh.

An dèidh mar a bhuannaich an SNP an taghadh 'sa Chèitean an uiridh, leig am prìomh mhinistear Seac MacConail, a dhreuchd-san seachad.

Chaidh Wendy Alexander na Ă ite, ged nach do mhair ise fada.

Ach chuir Mgr Stephen roimhe fuireach mar cheannard as dèidh an taghaidh.

Aig an am, bha dĂąil gun deidheadh na Libearalaich Dheomacratach a-steach don riaghaltas Ăąr leis an SNP.

Ach dhiùlt iad sin a dhèanamh, ag ràdh nach robh iad deònach pàirt a ghabhail ann an riaghaltas a chumadh referendum air neo-eisimileachd.

Ach as dèidh mar a dh'iarr Wendy Alexander air an riaghaltas referendum a chumail cho luath 's a ghabhas, dh'fhaodadh sin tachairt co-dhiù.

Is dòcha gum bi sin a' fàgail feadhainn anns a' phàrtaidh a' ceasnachadh an e mearrachd a bha ann gun phàirt a ghabhail ann an riaghaltas Ailig Salmond.

Cò a-nis?

Ceithir là as dèidh Wendy Alexander fhàgail, bha na Libearalaich Dhemocratach a' sireadh ceannard ùr.

Tha an cùl-bheingear Mìcheal Rumbles, a sheas an aghaidh Mhgr Stephen an turas mu dheireadh, air a ràdh gun seas e a-rithist.

A-measg nan daoine eile a dh'fhaodadh a dhol na Ă ite tha Tavish Scott, Ross Finnie agus Jeremy Purvis.

Cuiridh ceannardan a' phàrtaidh taghadh air dòigh a dh'aithgheàrr.

Thathar an dĂąil gum bi ceannard Ăąr aig na Lib Deamaich mus till a' phĂ rlamaid anns an t-Sultain.

Ach anns an eadar-ama tha dĂ  phĂ rtaidh dhĂąbhlanaich aig Holyrood gun duine aig an stiĂąir.