06 Am Faoilleach, 2010 - Air fhoillseachadh aig 09:24 BST
Thug Riaghaltas na h-Alba cead seachad airson loidhne dealain mhòr a thogail eadar a' Mhanachainn air a' Ghà idhealtachd agus Deanaidh, faisg air Sruighlea - 137 mìle de dh'fhaid.
Tha dùil gun cosg an obair a bhios an luib a bhith a' toirt sìos na loidhne a th' ann an-drà sta agus a' togail na tè ùire, suas ri £400m.
Tha an co-dhùnadh a' tighinn às dèidh sgrùdaidh phoblaich a mhair 11 mìos, agus a thà inig gu ceann san Dùbhlachd 2007.
Chuir còrr is 18,000 duine gearain a-steach an aghaidh a' phlana.
Tha an fheadhainn a tha ag iarraidh na loidhne ag rĂ dh gu bheil i deatamach airson a' bhuanachd as fheĂ rr a thoirt Ă cumhachd ath-nuadhachail anns a' cheann a tuath.
Tha gu leòr eile ge-tà , gu mòr an aghaidh nam planaichean, agus iad ag rà dh gum milleadh an loidhne coltas na dùthcha, agus gun toireadh i droch bhuaidh air an à rainneachd.
Tha iadsan ag rà dh gum bu chòir na cà balan a chur fon mhuir, no fon talamh.
Thèid 600 crann, a bhiodh suas ri 200 troigh de dh'à irde, a chur an sà s, a bhios a' giùlain 400kV, seach 132kV mar a th' anns an loidhne a th' ann an-drà sta.
Tha strì gu leòr air a bhith ann eadar luchd-glèidhteachais, daoine a bhiodh a' fuireach faisg air an loidhne agus companaidhean cumhachd.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air fada a bharrachd feum a dhèanamh de chumhachd ath-nuadhachail sa cheann a tuath
Dheadh an cumhachd sin a ghluasad gu luchd-cleachdaidh aig deas, agus a reic ri à iteachan eile cuideachd, a dh'fhaodadh prothaid mhath a dhèanamh.