01 An t-Sultain, 2010 - Air fhoillseachadh aig 10:58 BST
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun lean faraidhean saora RET air seirbheisean aiseig eadar na h-Eileanan Siar, Colla agus Tiriodh agus Tìr Mòr, bliadhna eile gu an t-Earrach 2012.
Thà inig an naidheachd an dèidh do BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, iarraidh air an Riaghaltas innse an deadh na faraidhean a chumail.
Bha dùil gun sguireadh an sgeama pìleat an ath-bhliadhna.
Tha eileanan eile ann an Earra-Ghà idheal ag iarraidh gun tèid RET a chur air na slighean acasan cuideachd, agus fianais ann gu bheil an sgeama air cur gu mòr ri turasachd sna h-Eileanan Siar.
Poileataigs
Sheall figearan bho Visit Scotland bho chionn greis gun robh an Ă ireamh de luchd-turais suas anns na h-Eileanan Siar cho Ă rd ri 40% air a' bhliadhna an-uiridh.
Tha diomb air cuid ann an Eileanan Earra-GhĂ idheal mun naidheachd.
"Chan eil e ceart idir sin," thuirt Comhairliche ĂŚle, DiĂąra agus Cholbhasa, Robin Currie.
"Gur ann a tha muinntir nan Eileanan Siar a' faotainn leth na prìse airson a' bhà t-aiseig, agus sinne an seo ann an Earra-Ghà idheal is Bòid, a' pà igheadh an fharaidh air fad.
"Ma tha aon eilean ga fhaotainn, bu chòir dha na h-Eileanan air fad fhaotainn.
"Chan eil e ceart nach eil sinn ga fhaotainn airson Muile, Colbhasa, Giogha. Carson nach eil sinne ga fhaotainn?" thuirt e.
Thuirt BP Earra-Ghà idheal, Ailean Reid, gu bheil an SNP a' taobhadh ris na h-Eileanan Siar a dh'aona-ghnothach gus an sgìre a ghlèidheadh aig an ath-thaghadh.
Chan eil BPA NĂ iseantach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a' gabhail ris an argamaid sin ge-tĂ .
"Tha Ăąidh aig an SNP ann an Earra-GhĂ idheal cuideachd - 's e seat SNP a th' ann," thuirt e.
"Tha e cudromach cuideachd a rĂ dh gu bheil RET a' ruith mar thĂ air na slighean gu dĂ eilean ann an Earra-GhĂ idheal, gu Colla agus Tiriodh.
"Feumaidh mi rĂ dh cuideachd ge-tĂ , gum bithinnsa gu math toilichte nam biodh RET ag obair dha na h-eileanan eile cuideachd.