13 An Giblean, 2011 - Air fhoillseachadh aig 16:32 BST
Bho chaidh a stèidheachadh aig deireadh a' Chiad Chogaidh mar roinn-taghaidh fa-leth, bha na h-Eileanan an Iar mar a bu trice a' dol air an t-slighe aca fhèin.
Airson a' mhòr-chuid den 20mh Linn, ged a bha grèim teann aig na Lib-Deamaich air a' mhòr-chuid den Ghà idhealtachd, bhiodh na h-Eileanan an Iar aig na Là baraich, no aig an SNP.
'S iad fearann, an t-iasgach, an clò, agus gu sònraichte cothroman cosnaidh as motha a th' air a bhith èiseil do luchd-bhòtaidh na sgìre tro na bliadhnaichean.
Ged a tha sluagh na sgìre an ìre mhath beag - mu 26,000 - tha cho sgaipte 's a tha an sgìre, agus gnothaichean siubhail, a' cur dùbhlain mhòir ro riochdairean poileataigeach na sgìre.
Roinn Phoblach / Roinn Phrìobhaideach
Tha cuideachd sluagh a tha a' fàs nas sine, agus eaconamaidh lag, a tha a' crochadh gu mòr air an roinn phoblaich, ag adhbharachadh duilgheadais, gu h-à raid agus ionmhas gu math gann.
Tha sgoiltean, buidhnean glèidhteachais, seirbheisean còmhdhail, cumhachd ath-nuadhachail agus glèidheadh na Sà baid, uile air a bhith cudromach o chionn beagan bhliadhnaichean, do mhuinntir nan Eilean.
Thà inig lùghdachadh air an smachd agus an à ite a bh' aig a' phrìomh bhuidhinn leasachaidh eaconamaich, Iomairt na Gà idhealtachd 's nan Eilean, bho bha an Taghadh Albannach mu dheireadh ann an 2007.
A rèir a' chomhailrliche neo-eisimeilich Iain MacAoidh, à Nis, ann an Leòdhas, tha an luchd-bhòtaidh fhathast den bheachd gu bheil feum air an sgìre a leasachadh.
"Tha mise a' smaoineachadh gur e sin rud cho cudromach 's a th' ann. Gum bi obraichean aig daoine," thuirt e.
"Tha an t-uabhas dhaoine sna h-Eileanan a tha seo an dèis na h-obraichean aca a chall.
"Mur a bi obraichean ann, cha bhi sluagh ann - gu h-à raid an òigridh, a bhios a' dol a dh'fhalbh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil uallach mòr air an Riaghaltas ge b'e cò an riaghaltas a bhios ann, maoineachadh a dhèanamh airson 's gun tèid na h-obraichean sin a chur air chois sna h-Eileanan a tha seo.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil grunn rudan a tha iad a' smaoineachadh air.
"Tha foghlam ann, foghlam dhan chloinn. Agus tha rathaidean ann, 's prìs a' chonnaidh. Nuair a tha a' phrìs sin a' dol an-à irde, tha a h-uile cà il a th' ann a' dol an-à irde.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e seo na ceistean as motha a bhios air na daoine a tha a' dol mu na dorsan an-drĂ sta," thuirt e.
Tha smachd a-niste aig Pà rlamaid na h-Alba air mòran de na tha a' bualadh air an eaconamaidh.
Do luchd-gnothaich, mar Eachann Stiùbhart ann an Griomasaigh, tha an dòigh sa bheil riaghailtean teann gan cur an sàs mus tèid aig gnìomhachas air rudan ùra a thòiseachadh, na fìor-chnap-starra.
"Bu chòir gun dèan iad leasachadh na b'fhasa," thuirt e.
"Tha buidhnean à rainneachail a' cur an aghaidh a h-uile sìon a tha daoine a' feuchainn ri dhèanamh, mar a chì sinn shìos am Barraigh 's ann an seo fhèin.
"Ged a bhiodh duine airson rudeigin a dhèanamh, 's e a' chiad rud a tha a' tighinn suas nan rathad, 's e cnap-starra.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an cumhachd a th' aig na daoine sin feumach air a lùghdachadh, agus barrachd taic a thoirt do dhaoine a bhiodh airson gnìomhachas a thoirt air adhart," thuirt e.
Na Tagraichean
O chionn ceithir bliadhna, bhuannaich an SNP an sgìre le mòr-chuid de 657 bhòt.
Uile gu lèir, thug 6,354 duine am bhòt dhan SNP san sgìre - cha-mhòr 47%.
Bha na Là baraich san dà rna à ite, le 5,667- cha-mhòr 42%.
Bha na Lib-Deamaich pìos air cùl an dà phrìomh phà rtaidh, le 852 a' cur am bhòt às an leth - còrr is 6%.
Bha na Tòraidhean anns an à ite mu dheireadh le 752 - 5.5%.
An turas seo, tha Alasdair Allan a' dìon na sgìre don SNP.
Tha Dòmhnall Crichton aig na Là baraich ag amas air a toirt bhuaithe.
Tha Peadar Moireasdan a' tagradh Ă s leth nan Lib-Deamach.
Agus tha Teà rlach MacGriogair a' seasamh dha na Tòraidhean san sgìre.
Aig cridhe nan ceistean a chuireas daoine orra ann an iomairt an Taghaidh, bidh am balaiste eadar an roinn phoblach agus an roinn phrìobhaideach a thaobh seirbheisean agus cosnaidhean a chumail ris a' phoball.
Tha sin na uallach do dh'Eachann StiĂąbhart cuideachd.
"Tha mi a' smaoineachadh leis mar a tha gnothaichean an airgid air fà s, gum bi daoine tòrr nas fheumaiche air gnìomhachas an seo na bha iad a-riamh roimhe," thuirt e.
"Bidh an roinn phoblach a' fàs nas lugha, 's bidh e cudromach a bhith a' toirt taic do ghnìomhachasan mar a tha sinne.
"Tha thu a' coimhead airson daoine a bhith ag obair. Tha thu a' coimhead airson cuideachaidh dhan taobh sin, seach an roinn phoblach.
"Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, bha tòrr dhaoine a' faighinn obrach san roinn phoblaich. Tha mi a' smaoineachadh gum feum sin atharrachadh.
"'S gum feum sinn mar sin coimhead ri gnìomhachasan eile, agus ri gnìomhachasan a th' air a bhith againn o chionn bhliadhnaichean, mar a tha an t-iasgach fhèin," thuirt e.
Ged a tha mòr-chuid là idir aig an SNP - a rèir nam figearan air pà ipear co-dhiù, 5% - tha à ireamh an t-sluaigh fhèin cho beag 's nach fheumadh e mòran gus sin atharrachadh.
Chan eil teagamh sam bi gum bi sùilean nam pà rtaidhean uile gu lèir air na h-Eileanan an Iar, ged a tha i am measg nan roinnean-taghaidh
as lugha a thaobh Ă ireamh an t-sluaigh.