

Ban-diùc Sìne Ghòrdan le Henry Reynolds
Thà inig an dealbh seo bhon leabhar Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times le Alasdair Mac a' Phearsain. (1893)
Rugadh a' bhean-uasal Sìne Maxwell sa bhliadhna 1749 ann an Ceann a Deas Alba. Fhuair Sìne foghlam ann an Dùn Èideann agus b' ann an sin a thachair i ri Alasdair, an 4mh Diùc Gòrdain. Phòs iad ann an 1767 agus rinn iad an dachaigh ann an Caisteal Ghòrdain faisg air Fachabair. Bha dithis mhac agus còigear nighean aca, ach chaochail am mac Alasdair 's gun e ach mu 20 bliadhna dh'aois.
Cha b' e pòsadh toilichte a bh' aig an Diùc 's a' Bhan-diùc agus ann an 1805 dhealaich iad.
As dèidh do Shìne an Diùc a phòsadh, ghabh i cuairt timcheall oighreachd nan Gòrdanach agus an sin mhothaich i dha tuathanas Cheann-an-Rath Rèidh. Rinn i suas a h-inntinn gur ann an sin a dhèanadh i a dachaigh samhraidh. As dèidh dhith dealachadh bhon Diùc agus gluasad à Caisteal Ghòrdain, ghluais i gu dachaigh ùr faisg air tuathanas Cheann-an-Rath Rèidh.
Chaochail a' Bhan-diùc sa bhliadhna 1812 ann an Lunnainn 's chaidh a tiodhlacadh air là rach a thagh i fhèin ann an Ceann-an-Rath Rèidh. Mar chuimhneachan oirre, chaidh cà rn-cuimhne a thogail air a h-uaigh.