CALL GHĂ€DHAIG
le Calum-Dubh Mac-an t-Saoir
Cumha don Chaiptein Mac-Mhuirich, Fear Bhail-a-Chrothain
Fonn - "Alastair, a laoigh mo chèille"
'S beag ìoghnadh mi 'bhi dubhach,
Air feasgar, 's a' ghrian le bruthach:
Bheir mulad air sĂąilean sruthadh,
'S i 'n Nolluig so 'thiĂąndaidh 'chairt-dubh orm,
Cha b'i 'n èiric 'an à it an udhair,
Ged a bhithinn gu brĂ th ri cumha,
'S nach tig thu 'chaidh slĂ n le d' bhuidhinn,
A dh' imich do GhĂ bhaig nan aighean.
Na-n tigheadh e slĂ n, an caiptein,
Am Brà gh'dach, 's Iain òg Mac-Phearsain,
An Granndach, 's Mac-PhĂ rlain (cha b'fhasa),
Cha bu diĂąbhail gin de'n tachdar,
Ged nach tigeadh na fèidhich ghlasa -
Ged a bhiodh na mìolchoin tachdta;
Na-n tigheadh tu 's d' òganaich dhachaigh,
'S an t-Aog a bhi 'm prìosan fo ghlasan.
Na-m bu mhise maor a' phrìosain,
Cha-n fhĂ igainn Ă chionta gun innse:
Mo chòmhdach air phà ipeirean sgrìbhte -
Air bialaobh luchd-breith agus bìnne.
'S cinnteach mur rachadh à dhìteadh,
Gu-n cuirt' e gu grad às an rìoghachd,
'An ceangal air slabhruidhean-iaruinn,
'S Ă chumail a's tiagh leth-chiad bliathna!
'S ceòlmhor gach reannag a chì mi;
Tha 'n saoghal 'n à bhriagadair-ìnntinn.
Cha-n fhaic mi thu 'siubhal na frìthe,
Le d' ghillean, 's le rogha nam mìolchon.
Fiùbhaidh laghach 'bha rèith,ro-dhìreach,
'Bhuaileadh am ball air an dìsne.
Tha cuileanan gèarrta, gun chìreadh,
O'n là 'thaisgeadh tu 'n clachan na sgìreachd.
'Nuair 'bhiodh tu ri fiadhach beinne,
'S tric a bha mise 'n am ghille,
Le d' lomhainn, beagan air dheireadh,
A' feitheam ri fuaim do theine;
'N uair 'stiĂąradh tu ris an eilid,
Bhiodh toll air a bian le d' pheileir, -
Marbhaich na h-earbaig, 's a' choilich,
An dòbhrain, na liath-chirc, 's an t-siunnaich.
Cha-n fhaca mi bĂ rr aig duin' ort,
'Dhìreadh nan cà rn 's nam mullach,
'Mharbhadh nam fiadh 's a' mhonadh,
'Tharraing nam lann, 's bu ghuinich,
'Bhualadh nan dòrn 's a' chunnart.
Labhairt aig mòd 's tu 'b 'uurrainn,
'Dh-aindeoin no 'dheòin bu leat buidhinn, -
'S gach cùis bhiodh mòrchuis 'us urram.
Rinn stoirm call 'am brĂ igh 'ghlinne,
Bha cruinneachdadh mòr 's an fireach,
A' giĂąlan dachaigh nan gilean,
'S an fhir mhòri nach gabhadh giorrag:
Marcach an trèun -eich mhire,
Ceann-feadhna 'an Ă m na h-iomairt,
Ite chorra geìeth do chinnidh,
Nach d' rinn riamh de'n t-saoghal cillean.
'S beag ìoghnadh thu 'n tùs nam fear barraicht,
A laoich nach biodh fada mu'n mhalairt,
A phĂ idheadh fear 'thogail na carraid;
Gur cĂ irdeachd thu 'dh-Alastair Garrach,
Do Mhac-Dhùghaill mòr à Lathairn,
Iarl Antruim 'us Mac-ic-Ailein,
Oghre DhĂąn-Tuilm nam fear fallain
D'am bu shuaineas leoghann 's lĂ mh-fhala.
Olc air mhath le luchd do mhì-ruin,
Na-m b' aithne, gun-n deanainn d'ìnnse:
Pearsanaich do shloinneadh dìreach,
Caiptein thu air sliochd Ghillìosa,
'Choisinn am blà r a bha'm Pìorait,
A leag an trup Gallda gu h-ìseal;
'S bann-Dòmhnullach 'thug glùn 'us cìoch dhut,
A-mach Ă teaghalch Iarl Ile.
Ged a tha mi 'n drĂ st air m'aineol,
'Sann a bhà mi òg 'nam leanabh,
'An dĂąchas d' athar 's do sheanar;
'An deas fo bhaile anan gallan,
Far am bì crodh-laoigh air ghleanna,
Mnathan brèidgheal 'fuaghal anairt,
An talla 'n òilteadh fìon gun cheannach,
'S òr 'g à thoirt fial do luchd-ealaidh.
Na-m bu daoin' a bheireadh dhìnn thu,
'An Cluainidh bhiodh toiseach na trìthe,
Cha b' fhad a bhiodh d' èiric gun dìoladh,
Bhiodh tional air fir na tire,
Le caisimeachd sgal na pìoba,
'Thoirt d' aichmheil a mach gu dìleas;
Mu'n tilleadh an Cat-mòr 's à lìnne,
Bhiodh fuil air an lòn, 's feòil 'g a sìoladh!
'S cruaidh an sgèul nach èudar fhulang, -
Leann-dubh air a' chloinn a dh' fhuirich,
Mu'n Phearsanach a's chloinn a dh' fhuirich,
Gu'n tharraing e lĂ mh o'n uilinn,
'Leag am flĂąr 'san grĂ inne mullaich,
Gu-n d'fhĂ g sid do bhrĂ ithrean gun fhuras,
Mar Oisean 'bha daonnan ri tuireadh,
'An dèis na Fèinne - dall air tùlaich.
Oid' agus athair an fhèumaich,
'Choibhreadh air aircich, 's air èignich;
Na-m b' urrainn mi dheanainn lèich dhut,
Ghleidhinn cuach-ìoclaint na Fèinn' dut,
'Thug Fionn Mac-Cumhail Ă h-Eirinn;
Thoghainn a rithist a'n èug thu,
Bhiodh Bail-a'-Chrodhain fo èibhneas,
'S do mhaithin ag òl do dheach-rèite.
Guma slĂ n a thig e dhachaigh,
Oighr' iain-òig Mhic-a' Phearsain,
An caiptein 'tha 'n arm Chlann-Ailpein.
Ma bheir e an dualchas a 'athair,
Eighear a-mach air thus feachd e,
'S bidh MĂąirnn ann an dĂąthaich nam badan.
Cinnidh fiar le miad na dealta,
An dèigh dòrcha na h-oidhche thig maduinn.
An còignear a bh' anns an èighinn,
Shèid gaoth 'us sneachd às na spèuran,
'Chuir an taigh-cloich à s-a-chèile,
Naidheachd a's brònach ri 'h-èisdeachd,
Ur faotainn 'n ur laidhe for chrèuchdan,
Gun chomas labhairt no sgèula!
Air son dòrtadh na fala 'chaidh chèusadh,
Dean tròcair ri 'n anma' le rèite.