![](/staticarchive/a92b77807f6f8b49da72bc1e42887effa8e83eb4.gif)
![Cà rn Cuimhne Iain Ruadh Stiùbhart](/staticarchive/0c1aae6d20c388f99085dbc31b5598ca49ee0363.jpg)
Iain Ruadh Stiùbhart
Cà rn Cuimhne Iain Ruadh Stiùbhart
© Osclay
B' e a sheanair Iain, am fear mu dheireadh a bha na bharan
air Cinn a' Chardainn agus bhuineadh a mhathair do Chlann GilleSheathanaich,
Rata Mhurchais.
Bha inbhe aige anns a' choimhearsneachd 's bha e air
a dheagh oideachadh agus chuir e seachad pà irt de bheatha anns an
Fhraing agus ann am Portugal.
Bha e na stiùireadair agus na Lieutenant anns na Scots
Greys airson greis ach thionndaidh e bho seirbheis an Rìgh agus thog
e Rèiseamaid Dhùn Èideann às leth a' Phrionnsa
Teà rlaich.
Air an rathad gu tuath an dèidh Blà r na h-Eaglaise
Brice bha Iain Ruadh gu sònraichte feumail chionn 's gun robh e sgileil
is comasach agus chionn 's gu robh eòlas mòr aige air an dùthaich
anns an robh aca ri siubhal.
Aig Blà r Chuil Lodair, os cionn Rèiseamaid Dhùn
Èideann, bha e fhèin agus a chuid shaighdearan anns a' chiad
loidhne a fhuair pronnadh mòr bho na Saighdearan Dearga.
An dèidh Chùil Lodair bha e na fhògarrach
air feadh Bhà ideanach ach ged a bha suim airgid air a cheann thar
e à s. Choinnich e ris a' Phrionnsa Teà rlach nuair a bha esan a' falach
air Beinn Eallair agus còmhla rinn iad an rathad gu Loch na h-Uaimhe,
far an deach iad air bòrd a' bhà ta L'Heureux, a thug iad dhan
Fhraing. Cha do thill e a dh' Alba.
Cha do mhair ach beagan den bhà rdachd aig Iain Ruadh Stiùbhart chun an latha an-diugh. Tha cuimhne air gu sònraichte airson na bà rdachd a rinn e an dèidh Chuil-lodair. Tha "Là Chuil-lodair" a' sealltainn gu soilleir cho dlùth ri chridhe 's a bha adhbhar nan Seumasach agus cho dona 's a bha e air a leòn nuair nach deach leotha.
Ìý