

Seumas Mac a' Phearsain (1736 - 1796)
Th脿inig an dealbh seo bhon leabhar Glimpses of Church and Social Life in the Highlands in Olden Times le Alasdair Mac a' Phearsain. (1893)
Rugadh Seumas Mac a' Phearsain an am baile Inbhir Tromaidh ann an sg矛re Bh脿ideanach.
Fhuair e foghlam ann an oilthighean Obar Dheathain agus Dh霉n 脠ideann. Bha e ag obair na neach-teagaisg ann an D霉n 脠ideann sa bhliadhna 1758 nuair a dh'fhoillsich e b脿rdachd - The Highlander. Choisinn e cli霉 m貌r dha fh猫in 脿s d猫idh sin airson na h-obrach a rinn e air b脿rdachd Oisein, obair a dh霉isg connspaid mh貌r.
Choisinn Seumas Mac a' Phearsain t貌rr airgid bhon obair Oiseanach agus roghnaich e oighreachd a cheannach. B' e an oighreachd sin Na R脿t, a bha air a bhith aig clann an T貌isich airson suas ri tr矛 cheud bliadhna. Cha robh an t-ainm Na R脿t a' c貌rdadh ris idir 's mar sin chaidh atharrachadh gu Baile a' Bhile.
'S e an t-ailtire ainmeil Raibeart Adam, a dh'fhast Seumas airson taigh a dhealbh dha agus ann an 1790 chaidh taigh m貌r a thogail air l脿rach seann chaisteil ceann-cinnidh Chlann an T貌isich.
Nuair a chaochail Seumas Mac a' Phearsain ann an 1796 chaidh an taigh fh脿gail aig a nighean, agus chun l脿 an-diugh tha e anns an teaghlach.