¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Gobha Siosal
Gleann na Cìche
© Ted Spiller
Rugadh ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Siosal, no ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Gobha
mar a b’ fheà rr a dh’aithnichear e, ann an Cnoc Fin,
Srath Ghlais sa bhliadhna 1735. B’ e sà r bhà rd a bh’
ann agus choisinn e cliù ann an Srath Ghlais mus do ghluais e a dh’Alba
Nuadh ann an 1803.
Chuir e seachad fichead bliadhna ag obair mar fhorsair aig A’ Chìoch
ann an ceann shuas Srath Ghlais. A bharrachd air an tuathanas a bh’
aige ann an Cnoc Fin, bha pìos den bheinn aige air mhà l. Ach,
ged nach eil fios le cinnt carson, chaill e am fearann sin. Bha e mar gum
biodh e air muime a chall:
Chuir mo bhanaltram cùl rium;
Chaill mi ‘n cupan bha fallain.
Fhuair na Frisealaich còir ort,
‘S chaidh mis’ fhògar le m’ aindeoin.
[MacDonnell, Margaret, 1982. The Emigrant Experience, Songs of
Highland Emigrants in North America. London: University of Toronto
Press]
Agus, bha sgaradh na bu mhiosa fhathast ri thighinn.
Phòs ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Mairead, nighean Dhòmhnaill Siosal,
à Cnocan-dà imh. Bha sianar chloinne aca: Alasdair, Iain, Uilleam,
Gilleasbaig, ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô agus Fionnlagh. Bhà saich a bhean mus
deach ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô a dh’Alba Nuadh.
Bha muinntir Srath Ghlais ann an suidheachadh gu math cugallach aig toiseach
an 19mh linn. Bha ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô Gobha glè shean mun à m sin;
ro shean airson a bhith a’ feuchainn air dreuchdan ùra sam
bith, mar a b’ à bhaist dha a bhith a’ dèanamh
nuair a bha e òg is là idir. Ach bha e mothachail gu robh daoine
mun cuairt a’ fulang fo uachdaran carach, agus gur e eilthireachd
an aon roghainn chothromach a bh’ aige. Na òige, cha do smaoinich
e a-riamh air Srath Ghlais fhà gail; ach a-nis bha a chà irdean
‘s a charaidean a’ moladh an dearbh rud. San òran Bha
mi òg ann an Srath Ghlais, dh’fhà g ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô
dealbh coileanta den t-suidheachadh anns an robh e:
Bha mi òg ann an Srath Ghlais,
‘S bha mi ‘n dùil nach rachainn à s,
Ach bhon chaidh na suinn fo lic
Nis gabhaidh mi ‘n ratreuta.
Tha mo cheann-sa niste liath,
‘N dèidh na chunnacas leam riamh;
‘S ged is èiginn dhomh bhith triall,
A shiorrachd, ‘s beag mo spèis dha.
Ged a tha mo choiseachd trom,
Togaidh mi m’aigne le fonn;
‘S ‘n uair a thèid mi air an long,
Cò chuireas rium geall-rèise?
‘N tà charan seo th’ air ar ceann
Sgiot e dhaoine ‘s tha iad gann;
‘S fheà rr leis caoraich chur am faing
No fir an camp fo fhèileadh.
Comunn cà irdeil chan eil ann,
Chan eil èisteachd aig fear fann;
Mur cuir thu caoraich ri gleann
Bidh tu air cheann na dèirce.
‘N uair a bha mi là idir, òg,
Dhèanainn cosnadh air gach dòigh;
Ach a-nis bhon dh’fhalbh mo threòir,
Tha mi air stòras feumach.
Gheibh sinn acraichean bhon rìgh,
Tighearnan gun dèan e dhinn;
Cha b’ ionnan ‘s a bhith mar bha ‘n linn
Bha pà igheadh cìs do Cheusar.
Na biodh eagal oirbh mun chuan;
Faicibh mar sgoilt a’ Mhuir Ruadh.
Tha cumhachdan an Tì tha shuas
An-diugh cho buan san chiad là .
[MacDonnell, Margaret, 1982. The Emigrant Experience, Songs
of Highland Emigrants in North America. London: University
of Toronto Press]
Bha caraidean Dhòmhnaill toilichte gun deach e air bòrd an
t-soithich; chaidh an ùine seachad na bu luaithe le òrain
agus à bhachdas. A rèir coltais, cha d’fhuair iad briseadh
dùil sam bith; rinn ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô co-dhiù aon òran
fhad ‘s a bha iad aig muir.
San òran Ã’ran do Shiosalaich Srath Ghlais, tha ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô
a’ dèanamh iomradh air fir an t-Sratha:
B’ e bàs an t-Siosalaich ghleust’
A bhrist air osnaich mo chlèibh,
‘S adhbhar m’ acain thu bhi ‘n cèisibh bhòrd.
Chaill sinn Ruairi an Àigh,
Fear a dh’ fhuasgladh gach cà s;
An-diugh cha ‘n aithne dhomh à icheadh beò.
Agus Donnchadh na dhèidh,
Bu shà r cheannard nan ceud;
Dh’eug e ’n Lunnainn, ‘s mo lèir-chreach
mhòr.
[Chisholm, Colin, 1884-85. Old Gaelic Songs. Transactions
of the Gaelic Society of Inverness, Vol XI.]
A rèir beul-aithris, rinn ¶Ùò³¾³ó²Ô²¹±ô±ô a dhachaigh air tuathanas
ann an Lower South River ann an Siorrachd Antigonish
ann an Alba Nuadh. Bhà saich e an sin sa bhliadhna 1810.
|