´óÏó´«Ã½

Explore the ´óÏó´«Ã½
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

Cuairtean


´óÏó´«Ã½ Homepage
Scotland

Alba
Radio nan Gaidheal
Cuairtean

Dachaigh
Inbhir Nis
Loch Aillse
Bàideanach & Srath Spè
Loch Abar


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ìý
t

Seanalair Deòrsa Wade
Seanalair Seòras Wade

© National Portrait Gallery, London

Rugadh Seòras Wade ann an Èirinn sa bhliadhna 1673. A rèir beul-aithris, b' esan a' chiad Èireannach a thog rathaidean air Gàidhealtachd na h-Alba. Cha b' e innleadair a bh' ann idir ged-tà, ach saighdear. Cha robh e ach fichead bliadhna a dh'aois nuair a chaidh e a shabaid do dh'Arm Bhreatainn airson a' chiad uair; chaidh iad gu Flanders agus dhan Spàinn.

Sa bhliadhna 1715 rinnear Màidsear-Seanalair dheth, agus bha e an urra ris-san sùil a chumail air gluasadan nan Seumasach Sasannach an dèidh ar-a-mach nanSeumasach an Alba.

Bha Seòras Wade cuideachd an sàs ann am poilitigs, agus chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid ann am Bath sa bhliadhna 1722. Dà bhliadhna an dèidh sin, dh'iarr an Rìgh Seòras I air Wade a dhol a Ghàidhealtachd na h-Alba gus sùil a chumail air muinntir na sgìre. Bha am Morair MacShimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach, air innse don Riaghaltas gu robh muinntir na sgìre glè an-fhoiseil. Dh'innis Wade gu robh 12,000 Gàidheal deiseil gus taic a thoirt do Sheumas Stiùbhart.

Air sgàth an eòlais a bh'aige, chuidich Wade gus daoine eile a dhèanamh mothachail air cho duilich 's a tha e do shaighdearan a bhith a' sabaid ann an dùthchannan far nach eil drochaidean no rathaidean dòigheil. Bha e cuideachd mothachail nach biodh an t-arm aigesan idir cho eòlach air cruth na tìre sam biodh iad a' sabaid ris an fheadhainn a bha a' fuireach ann.

Bha ceithir gearastanan aig arm an Riaghaltais air a' Ghàidhealtachd, agus bhiodh aig na saighdearan agus am bathar ri siubhal eatorra. B' iad seo Cille Chuimein, Gleann Eilg, Ruadhainn agus Loch Laomainn.

Cha do mhol Wade gum bu chòir dhan arm a bhith a thogail rathaidean, no gum bu chòir dha fhèin a bhith an sàs san obair seo, ach cha robh e fada gus an robh e air ais air a' Ghàidhealtachd a' dèanamh an dearbh rud. Eadar 1725 agus 1737, chaidh 250 mìle de rathaidean an togail fo stiùireadh Wade. Rinn na rathaidean sin ceangail eadar Ruadhainn, Gleann Eilg, Cille Chuimein agus An Gearastan. Cuideachd, chaidh 40 drochaid a thogail fo stiùir, Drochaid Tatha nam measg.

Nuair a dh' èirich na Seumasaich sa bhliadhna 1745, bha iad ceum air thoiseach air Seanalair Wade. Cha do shoirbhich leis nan aghaidh idir, agus chaidh a chur às a dhreuchd. Chaidh Diùc Cumberland a chur na àite san arm air an t-slighe gu Blàr Chùil Lodair.

Ìý

air ais


About the ´óÏó´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý