![An Leth Allt](/staticarchive/33807394d38885f37ccadfbe37eb499ba3ec1775.gif)
Donnchadh nam Pìos
Rugadh Donnchadh MacRath, no Donnchadh nam Pìos, ann an Inbhir Ìonaid sa bhliadhna 1640. B’ e brà thair seanar Iain MhicMhurchaidh, bà rd Cheann t-Sà ile, a bh’ann.
Bha seanair Dhonnchaidh, an t-Urr. Fearchar MacRath, na mhinistear ann an Geà rrloch agus ann an Cinn t-Sà ile. B’ e sà r-sgoilear a bh’ ann, cho cliùiteach a thaobh Feallsanachd aig Oilthigh Dhùn Èideann ‘s gun deach moladh gum biodh e na Regent of the College.
Chaidh Donnchadh cuideachd oideachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann. A rèir coltais bha e uabhasach sgileil le là mhan, agus bhiodh e a’ cur mòran ùine seachad ri saorsainneachd agus ri innleadaireachd.
A rèir beul-aithris ann an Cinn t-Sà ile, chuidich Donnchadh MacRath ann a bhith a’ toirt uisge glan gu muinntir Dhùn Èideann. Cuideachd, canar gun tà inig na craobhan daraich a tha fhathast rim faicinn faisg air là rach an t-seann taighe ann an Inbhir Ìonaid o cnothan-daraich a thug e às an Fhraing.
![Là mh-sgrìobhainn Fheà rnaig](/staticarchive/54e9a46ca406e7571f6021f581106e1d5f49f274.jpg) |
© Courtesy of Special Collections, Glasgow University Library |
A bharrachd air a bhith na shà r-sgoilear, b’ e duine air leth crà bhach a bh’ ann an Donnchadh - chithear sin sa bhà rdachd aige fhèin, agus tro chruinneachadh Fheà rnaig air fad. B’ e Easbaigeach dìleas a bh’ ann, agus Seumasach dian; tha an dà chuid follaiseach san là mh-sgrìobhainn.
Am measg a’ chruinneachaidh de 59 pìosan bà rdachd, tha bà rdachd chrà bhach a chaidh a dhèanamh leis an Easbaig Carswell (1520-72), sgrìobhaidhean leis an Ridire Iain Stiùbhart às an Apainn, agus laoidhean le Alasdair Rothach à Srath Nabhair.
Chaidh Donnchadh a bhà thadh ann an tubaist chianail uaireigin an
dèidh 1693. Chaidh pìobaireachd Cumha Dhonnchaidh nam
Pìos a dhèanamh an dèidh a’ bhà is.
B’ ann bhon phìobaireachd a thà inig na briathran:
‘S grianach an là , ho!
Thà inig lighe anns an abhainn, hi!
[Mackinnon, Prof. Donald, 1884-85. The Fernaig Manuscript. Transactions
of the Gaelic Society of Inverness, Vol XI.]
Ìý