![](/staticarchive/a37f0de0446ee1393e6462f6a36304103fcd9d17.gif)
![Walter Winans](/staticarchive/194d62633094e9305a93e0e2f3ed6c247400fcf3.jpg)
Cùis-lagh a' Pheat' Uain
Walter Winans
© Wilfrid de Freitas, Montreal, Canada
B' ann bho ghnìomhachas obair na rèile a bha athair Walter Winans air fhortan a dhèanamh. Ghluais e a Shasainn nuair a bha e ochd bliadhna deug agus goirid an deidh sin fhuair e sealbh air saoibhreas athar, nuair a chaochail esan.
Ann an 1882, ghabh e oighreachd Chinn Tà ile air mà l bho MhacCoinnich, an t-uachdaran, airson bliadhna thar fhichead. Thòisich e a' gabhail à ite an dèidh à ite fo mhà l gus mu dheireadh gun robh an talamh a bh'aige a' sìneadh bho Ceann a' Chnuic, ann an Gleann Moireasdan, air an taobh deas, gu Cill-Fhaolain, aig tuath, agus bho Loch Dhubhthaich, san à ird an iar gu deich mìle bhon Mhanachainn, air taobh eile na dùthcha.
Chaidh an dùthaich sin gu lèir a chur fo fhrìthean agus chaidh cruaidh òrdugh a thoirt dhan t-sluagh nach fhaodadh iad beathach caorach no mart a chumail. Bha an dùthaich air a ghabhail thairis airson sealg agus bhiodh à ireamh gun chiall de na fèidh air am marbhadh son spòrs a chumail ris an fheadhainn a bha losgadh orra. Nochd aithisg ann an Courier Inbhir Nis a bha a' cumail a-mach gun robh cuid den luchd-obrach aig Winans a' dochainn feadhainn a bha coiseachd na sgìre agus gun deach rabhadh a thoirt do mhuinntir an à ite gun aoigheachd a thoirt don luchd-coiseachd. Bha seo airson nach deigheadh dragh a chur air na fèidh gus am biodh Winans agus a chuideachd deiseil airson an cur ris a' ghunna.
Aig an à m seo mhothaich Uilleam Ros, a bha na à rd-sheirbheiseach aig Winans gun robh dà chaora a bhuineadh do Mhurchadh "Ruadh" MacRath anns an fhrìth. Chaidh iarraidh air Murchadh an toirt air falbh agus rinn e sin.
B' e greusaiche bh'ann am Murchadh Ruadh a bha fuireach anns a' Chà rna Ghorm ri taobh Loch Dubhthaich. Chuir Murchadh na caoraich gu talamh tuathanaich, ann an Lianasaidh, air taobh eile Abhainn a' Chrò, ach sia mìosan an dèidh sin mhothaich an Rosach dha dà oithisg leis air frìthe Winans. Thachair seo a-rithist mu shia mìosan an dèidh sin agus gach uair fhuair Murchadh rabhadh là idir bhon Rosach.
Aon latha thug Murchadh an aire gun robh uan leis feumach air coimhead as a dhèidh agus thug e leis dhachaigh e. Nà darrach gu leòr cha do chùm an t-uan ri na crìochan mar bu chòir, agus an turas seo chaidh an lagh a mhaoidheadh air Murchadh mur a toireadh e an t-uan air falbh.
Chuir seo fearg air Murchadh agus b' ann a thuirt e gur ann a bha e smaoineachadh air tuilleadh chaorach agus bò fhaotainn agus gun robh "Dia agus daoine nas là idire na Maighstir Winans"
Leis an sin thà inig litir lagha gu Murchadh agus chaidh a' chùis a thoirt mu choinneamh na cùirte ann an Inbir Nis. Bha fear lagha comasach aig Murchadh Ruadh agus anns an Fhaoilleach, 1884, thug an Siorram a bhreithneachadh an aghaidh Winans. Cha do ghabh Winans ris an sin, ged-thà , agus nochd a' chùis mu coinneamh Àrd-Shiorram Siorrachd Rois agus chuir esan an lagh air taobh Winans.
Cha robh an gnothach seachad leis an sin, ge-tà . Bha an naidheachd air sgaoileadh feadh na dùthcha agus bha fios aig Murchadh MacRath gun robh a' mhòr-chuid den t-sluagh air a thaobh. Bha fios aige cuideachd gu robh còirichean an t-sluaigh bhochd ann an cunnart nan cailleadh e.
Beachd Mà iri Mhòr nan Òran air a' chùis.
A Ceann t-Sà ile nam bò
Far an robh còmhnaidh nan sà r,
Cuiribh Winans le chuid òir
Mhanitòba a thà mh.
Mura toir sibh buille chruaidh
Fhad 's a tha 'n tuagh na ur là imh,
Cumaidh iad sibh dol mun cuairt
Na ur truaghain gu brà th.
Nach e cuid a bh' Ã s an ciall
Leig an t-srian às an là imh,
Ghabh an gad air an robh an t-iasg
'S dubhan 's biathadh aig cà ch.
B' i Cùirt an t-Seisein an Dùn Èideann an ath cheum. Ann an sin thug na Morairean breithneachadh an aghaidh Winans. Thuirt fear dhiubh "Far a bheil dà cheud acair de thalamh agus taigh ri taobh an rathaid gun challaid a' diòn an fhearainn 's e rud ro-aingidh a bhiodh ann an talamh sin a ghleidheadh an aghaidh clann, no peata uain, no cù, no cat le òrdugh bacaidh chùirt-lagha. Cha bhiodh e comasach do shluagh am beòshlaint a chothachadh san à ite sin idir"
Air sgà th a' cho-dhùnaidh laghail seo agus a chionn 's gun robh còirichean aig na Croitearan ann an lagh an dèidh Achd Pà rlamaid, 1886 cha tà inig Winans riamh do Chinn Tà ile an dèidh sin agus chuir e dheth an oighreachd nuair a thà inig a' chiad bhriseadh san aonta.
Ìý