|
´óÏó´«Ã½ Homepage Scotland | |||
Alba | |||
Fios thugainn An toil leat an duilleag-sa? Cuir gu caraid i! Ìý |
Crìsdean DillonRugadh Crìsdean Dillon ann an 1952, agus chaidh a thogail san Iochdar ann an Uibhist a Deas. Bha daonnan barrachd ùidh aige ann an obair sgoile is leabhraichean na bh' aige ann an obair croit 's bheathaichean. Ach bha e fìor mheasail air a bhith a' dol a chèilidh air daoine sa bhaile airson èisteachd ri sgeulachdan is òrain is seanachasan na sgìre. Ann an 1964 ghluais Crìsdean gu Trosaraidh far an do thòisich e air Laideann, Fraingis agus Gearmailtis ionnsachadh. Nuair a bha e 14 bliadhna a dh'aois ghluais e gu Taigh an Uillt, agus chaidh e dhan sgoil san Ã’ban. As dèidh dha an sgoil fhà gail fhuair e oideachadh ann an Ceiltis agus Gearmailtis aig Oilthigh Dhùn Èideann agus as dèidh sin ann an oilthigh Ghlaschu. Sa bhliadhna 1976 thòisich e ag obair aig a' BhBC ann an Inbhir Nis, far an robh e airson 24 bliadhna. Bhiodh e a' sgrìobhadh sgeulachdan, òrain, rannan is abairtean spòrsail do chlann. A bharrachd air an sin bhiodh e a' teagaisg chlasaichean oidhche sa Ghà idhlig. Rinn e obair mhòr le luchd-ionnsachaidh an iomadh ceà rn de dh'Alba agus tha toradh a chuid obrach sa Ghearmailt ri fhaicinn an-diugh ann an Oilthigh Bonn. Fhad 's a bha e ag obair aig a' BhBC chuir Crìsdean roimhe sreath phrògraman a dhèanamh còmhla ri Ruairidh MacAoidh airson cuid de dh' eachdraidh, sgeulachdan, ainmean-à ite, òrain agus bà rdachd Siorrachd Inbhir Nis, Srath Spè agus Loch Abair a chlà radh bho fhear a bha eòlach air na ceà rnaidhean sin agus eachdraidh nan daoine. Cluinn taghadh de na clà raidhean sin ann an Cuairtean. Ìý |
About the ´óÏó´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy Ìý |