|
![]() | ![]() ´óÏó´«Ã½ Homepage Scotland | ![]() | ![]() |
Alba | |||
![]() | |||
![]() | Fios thugainn An toil leat an duilleag-sa? Cuir gu caraid i! Ìý | ![]() |
![]() ![]() Ruairidh MacAoidhRugadh Ruairidh sa bhliadhna 1916 ann am Plymouth. B' e Iain an t-ainm baistidh aige as dèidh brà thair athair, Maidsear Iain MacAoidh, a chaidh a mharbhadh sa chogadh ann an 1918. Bha t-ainm Iain cumanta san teaghlach 's le sin b'e Ruairidh no Ruairi a chante ris fad a bheatha. Thog Ruairidh mòran fiosrachadh agus seanachas mun Ghà idhealtachd bho phà rantan. Ach bhiodh e fhèin gu tric a' dol a chèilidh air daoine sa choimhearsnachd a bha fileanta sa Ghà idhlig airson na b'urrainn dha de sgeulachdan agus eachraidh a chluinntinn bhuapa-san. Fads a bha e a' faighinn oideachadh ann an lagh aig oilthigh Dhùn Èideann, chuir e seachad greis ann am Feachd Rìoghail an Adhair (RAF) aig à m an Dà rna Cogaidh. Ann an 1944 chaidh a bhrà thair a mharbhadh ann an Kohima. As dèidh dha ceumnachadh thill e a dh' Inbhir Nis a dh' obair airson companaidh lagh an teaghlaich, Innes & Mckay, obair ris an robh e fad a bheatha. Glè thric rachadh e cuide ri athair nuair e bhiodh esan a' dol air ceann-gnothaich gu diofar oighreachdan air Ghaidhealtachd – cothroman eile do Ruairidh eachdraidh is beul-aithris a thional ann an iomadh ceà rnaidh. A bharrachd air obair latha bha Ruairidh trang ag obair gu saor-thoileach. Thug e mòran taic do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis agus bha iomadh dreuchd aige sa Chomunn Ghà idhealach thairis air iomadh bliadhna a bharrachd air dreuchd ceann-suidhe bho 1975 gu 1978. Agus bha iomadh cur-seachad aige – ceòl is òrain, obair nà dar, saorsainneachd, drà ma, togail dhealbhan le camara, tarraing dhealbhan èibhinn, coiseachd nam monaidhean 's nam beann. Ann an Cuairtean tha cothrom èisteachd ri beagan den fhiosrachadh a bha aig duine sònraichte seo, sà r Ghà idheal. Ìý |
![]() | ![]() | ![]() About the ´óÏó´«Ã½ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy Ìý |