ý


DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

ý Homepage
Scotland
Alba
Radio nan
Gaidheal
»

Rapal
An DJ
à-ù
Seisean
Tbh


Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Farpais Òrain Ùr Ghàidhlig Rapail - Riaghailtean

  1. Tha an fharpais fosgailte dhan h-uile duine ann am Breatainn (a' gabhail a-steach Eileanan a' Chaolais Shasannaich agus Eilean Mhanainn). Feumar cead phàrantan a bhith aig neach sam bith fo aois 16 gus pàirt a ghabhail, agus feumar dearbhadh a chur an cois òran na farpais. Chan eil e ceadaichte dha luchd-obrach a' BhBC no an teaghlaichean pàirt a ghabhail san fharpais.
  2. Feumaidh na h-òrain a bhith a-staigh ro 12m air 15 Am Faoilleach 2010, agus cha ghabhar òran sam bith as dèidh sin .
  3. Feumar na h-òrain a chur thugainn tron phost no air post-d. gu

    ý Radio nan Gàidheal
    52 Sràid na h-Eaglaise
    ٱòԲ󲹲
    ò󲹲
    HS1 2LS

    Post-d: rapal@bbc.co.uk

  4. A bharrachd air an òran bu chòir dha gach farpaiseach an ainm, seòladh agus àireamh fòn a chur na chois. Feumaidh na faclan a bhith sa Ghàidhlig agus feumaidh iad a bhith sgrìobhte ann an làmh-sgrìobhaidh no air coimpiutair. Bu chòir dhan òran gu h-iomlan a bhith air a chlàradh leis an fhonn agus na faclan air fad air teip, cd no mp 3. Faodar taic ciùil a bhith na chois cuideachd.
  5. Chan fhaod farpaiseach ach an obair fhèin a chur a-steach dhan fharpais, agus feumaidh iad cuideachd dearbhadh nach eil an t-òran aca a' briseadh laghan dlighean-sgrìobhaidh sam bith, no na còirichean aig duine sam bith eile. Tha cead aig a' BhBC coire a chur air neach eile an lùib briseadh chòirichean sam bith a dh' èireas.
  6. Nì pannal breithneachadh air gach òran a rèir nòis ùir, ùr chruthachaidh, faclan, agus fuinn.
  7. ‘S e am pannal sgioba Rapail agus Calum Dòmhnallach bho Runrig. Èistidh am pannal ri na h-òrain air fad gus geàrr-liost' agus an t-òran a bhuannaicheas a thaghadh. Mas e 's gu bheil dà òran co-ionann tha cead aig an àrd bhritheamh an co-dhùnadh a dhèanamh.
  8. Tha co-dhùnadh a' phannail seulaichte agus cha ghabhar ri conaltradh sam bith eile mu dheidhinn.
  9. Buannachaidh an neach a tha soirbheachail stiùidio beag so-ghiùlain, agus gheibh iad cuideachd cothrom bhidio a chlàradh le sgioba Rapail. Mur eil an neach a bhuannaicheas cofurtail le bhith a' seinn san bhidio, cuirear cùisean air dòigh gus an t-òran a chlàradh le seinneadairean agus luchd-ciùil freagarrach, a rèir iarrtasan sgioba Rapail agus an neach a tha soirbheachail.
  10. Chan fhaodar airgead a thabhainn an àite na duais, agus chan eil e ceadaichte an duais a reic.
  11. Feumaidh gach farpaiseach aontachadh pàirt a ghabhail ann an tachartas sam bith a thèid a chur air dòigh gus foillseachadh a thoirt dhan fharpais agus an fheadhainn a bhuannaicheas.
  12. Feumaidh an neach / còmhlan a bhuannaicheas na còirichean a thoirt dhan BhBC, agus còirichean gach suidheachaidh (son gach meadhon cleachte aig an àm seo agus san àm ri teachd) a thoirt seachad son an ùine aontaichte an sealbh-chòirichean a bhith aca.
  13. Bheir sgrìobhadair / sgrìobhadairean an òrain a bhuannaicheas na ceadan air fad seachad son gearradh, leth-bhric a dhèanamh, cur ris no toirt bhon òran, agus an t-òran atharrachadh, no eadar-theangachadh. Bheir an neach / còmhlan a bhuannaicheas seachad “coirichean moralta” sam bith a th' aca cuideachd.
  14. Tha na chuireas gach farpaiseach a-steach dhan fharpais cuideachd a' gabhail a-steach gach rud a nì iad air a' phrògram, ‘Rapal' – nam measg, seinn agus cluich an òrain fhèin ( a' gabhail a-steach ro dheisealachadh), faclan, fonn, agus clàradh sam bith eile – fuaim no bhidio.
  15. Tha cead aig a' BhBC (i) an fharpais a chur dheth no atharrachadh, (ii) na duaisean atharrachadh, no (iii) neach no còmhlan sam bith a bhriseas na riaghailtean, no a tha ri foill ann an dòigh sam bith a chur a-mach às an fharpais.
  16. Cha chleachd am ý fiosrachadh pearsanta ach airson an fharpais seo a ruith, 's cha tèid am foillseachadh, no an toirt do dhuine sam bith eile gun chead. Faodar barrachd a leughadh mun ý Privacy Policy.
  17. Tha an fharpais a' leantainn Modhan a' BhBC son Farpaisean agus Bhòtan agus gheibhear am fiosrachadh gu lèir aig an làraich .
  18. ‘S e am ý a tha a' cur an fharpais seo air dòigh agus ‘s e laghan na h-Alba a tha iomchaidh.
  19. Thathar air gabhail ris gu bheil gach farpaiseach air na riaghailtean a leughadh agus gu bheil gach farpaiseach ag aontachadh a bhith a' gabhail ri na riaghailtean sin.

Ma tha ceistean sam bith agad mun fharpais cuir fios gu sgioba Rapail air post-d gu -rapal@bbc.co.uk , no cuir fòn thuca air 01851 70 5000.




About the ý | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy