Darren Linc
Bho Istanbul chun An ÃŒochdar, chan eil à ite far nach tèid ·¡Ã²°ù±è²¹ airson na sgeulachdan is fheà rr a thoirt thugaibh.
Thuirt ar riochdaire san oifis gum bu chòir dhomh rud a sgrìobhadh airson seo mu dheidhinn an turais le ·¡Ã²°ù±è²¹ a thug a' bhuaidh bu mhotha orm bho chionn ghoirid. Cha robh an taghadh sin doirbh a dhèanamh, seach nach robh mi ach air tilleadh à s a' Phòlainn is campa Auschwitz-Birkenau.
Bidh cuid agaibh mar-thà eòlach air na h-ainmean is na h-à ireamhan a tha ceangailte ri Auschwitz. Hitler, Höß, Himmler, còrr is millean duine air am murt sa champa, Iùdhaich ann an cha mhòr millean dhiubh sin.
Ach 's e rudan eile nach gabh à ireamh a chur orra a dh'fhan nam inntinn-sa. "Verhalte dich ruhig" no "bidh modhail is sà mhach" sgrìobhte air ballachan nan slochd-inneir. Cha robh e ceadaichte dha na prìosanaich fiù 's bruidhinn fhad is a bha iad air an gluasad mar bheathaichean airson na goireasan truagha a chleachdadh gach latha.
Mar a dh'fhà g na Nazis na prìosanaich ann an suidheachadh cho borb, ach aig an aon à m chuir iad a-staigh siostam òtrachais ùr-nodha. Bha iad ag iarraidh nach ganraicheadh na bha dol sa champa an talamh is gum biodh e glan gu leòr airson Gearmailtich fuireach ann an dèidh cur às do na h-Iùdhaich is eile.
Agus bròg bheag air a toirt air falbh bho nighean òg mus deach a cur gu bà s, cairt aithris bhon sgoil air falach na broinn. Bhiodh na prìosanaich a' falach nan rudan bu phrìseil dhaibh nam brògan airson nach toireadh ùghdarrasan a' champa bhuapa iad. |