´óÏó´«Ã½

Ciamar is urrainn dhan phàiste agam beachdachadh, luchdachadh suas is eile?

Air ùrachadh: 11 An Dàmhair 2022

Faodaidh tu ceadan leithid beachdachadh agus luchdachadh suas a stèidheachadh nuair a chlàras tu an toiseach airson cunntas chloinne ùr. Lean na ceumannan.

Ma tha thu airson rian a chumail air na ceadan aig àm eile, tha seo nas fhasa a dhèanamh ma tha cunntas ´óÏó´«Ã½ aig an dithis agaibh. San dòigh seo, faodaidh tu do chunntas fhèin a cheangal ri cunntas do phàiste agus ceadan a stèidheachadh an sin aig àm sam bith. Mura bheil cunntas ´óÏó´«Ã½ agad fhèin faodaidh tu ³¦±ôà°ù²¹»å³ó airson fear. Tha e luath is furasta seo a dhèanamh.

Chan fheum thu cunntas ´óÏó´«Ã½ airson rian a chumail air ceadan. Nuair a dh'fheuchas do phàiste ri rudeigin ùr a dhèanamh air a' BhBC, leithid beachdachadh air làraich-lìn chloinne, iarraidh sinn orra cead fhaighinn bhuat fhèin. Gheibh thu post-d, no faodaidh tu rian a chumail air na ceadan aca .

Mar a bheir thu ceadan a bharrachd seachad air profaidhl pàiste air iPlayer

Ma dh'fhaoidhte gun do chur thu air dòigh profaidhl do phàiste le cead airson iPlayer a chleachdadh. Tha seo eadar-dhealaichte bho cunntas chloinne ´óÏó´«Ã½. Leis gur ann le iPlayer a-mhàin a bhios seo ag obrachadh, cha bhi e comasach dhaibh goireasan air pàirtean eile dhen BhBC a chleachdadh, leithid a' cur a-steach airson farpaisean no a' beachdachadh.

Airson seo a cheadachadh, faodaidh tu cunntas chloinne ´óÏó´«Ã½ a chruthachadh airson na ceadan a stèidheachadh.

Seo mar a chruthaicheas tu cunntas chloinne air làrach-lìn ´óÏó´«Ã½ nuair a tha do phàiste air logadh a-steach mar-thà dhan phrofaidhl aca:

1. Atharraich bho phrofaidhl do phàiste chun chunntas agad fhèin

2. Log a-mach às a' chunntas agad fhèin

3. Rach gu log a-steach a-rithist

4. airson cunntas ùr airson neach fo aois 13. Thèid iarraidh ort na ceadan aca a stèidheachadh sa phròiseas seo.

Mar a nì thu neo-cheangal eadar chunntasan

Feumaidh do phàiste seo iarraidh (chan urrainn dhutsa). Ma nì iad sin, gheibh am pàrant no neach-cùraim post-d ag innse dè tha air tachairt.

Mar a nithear neo-cheangal mar phàiste:

  • Rach gu "Seataidhean" sa chunntas ´óÏó´«Ã½ agad
  • Brùth air "Ceadan chloinne"
  • Brùth air "Neo-cheangail".

An uair sin thèid neo-cheangal a dhèanamh air na cunntasan.

Cuimhnich

Ma nì am pàiste neo-cheangal eadar chunntasan, caillidh iad ceadan sam bith a chaidh a stèidheachadh roimhe. Leithid, ma tha pàrant no neach-cùraim air cead a thoirt dhan phàiste aca beachdachadh air làrach-lìn chloinne, bhiodh neo-cheangalachadh a' ciallachadh nach b' urrainn dhaibh beachdachadh tuilleadh.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: