´óÏó´«Ã½

Dè an t-eadar-dhealachadh a tha eadar ainm-cleachdaidh agus ainm taisbeanaichte?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Nuair a tha ainm-cleachdaidh a dhìth

Ma chlàras tu is tu fo aois 13, iarraidh sinn ort ainm-cleachdaidh a chruthachadh seach do sheòladh puist-dealain a chur a-steach.

Bidh an t-ainm-cleachdaidh seo dìomhair agus cha tèid fhoillseachadh gu poblach air làraich-lìn no app ´óÏó´«Ã½ gu bràth.

Nuair a tha ainm taisbeanaichte a dhìth

Feumaidh tu ainm taisbeanaichte a chruthachadh ma tha thu airson càil poblach a dhèanamh air làrach-lìn no app ´óÏó´«Ã½. Mar eisimpleir, ma chuireas tu steach dealbh no beachd air sgeulachd ´óÏó´«Ã½ News.

Bidh d’ ainm taisbeanaichte poblach. Le sin, ’s dòcha nach bi thu airson d’ ainm ceart a chleachdadh, no fiosrachadh sam bith eile a leigeadh le daoine d’ aithneachadh, mar d’ àireamh fòn, do sheòladh puist-dealain, ainm na sràid air a bheil thu a’ fuireach no ainm do sgoil.

Diùltaidh sinn ainmean taisbeanaichte ma tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil iad mì-mhodhail. Ma thachras sin dhut, bhitheamaid nad chomain nan taghadh tu rudeigin eadar-dhealaichte.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: