D猫 tha na h-abairtean seo a' ciallachadh?
Cluinnidh tu na h-abairtean seo, a nochd anns an earrainn 猫isteachd, bho 脿m gu 脿m. A bheil fios agad d猫 a tha iad a' ciallachadh?
Question
"Mar a thuirt d' athair cheana..."
D猫 tha cheana a' ciallachadh?
- Muladach
- Roimhe seo
- Ceann goirt
Tha cheana a' ciallachadh "roimhe seo" no "mu thr脿th".
Question
"Bha mi a' smaoineachadh gun deigheadh cnapan-starra a thogail airson bacadh a chur air mo bheachdan."
D猫 tha cnapan-starra a' ciallachadh?
- rudan a bhios san rathad air duine
- clachan m貌ra
- dorsan thaighean
Tha cnapan-starra a' ciallachadh rudan a bhios san rathad air duine no rudan a chuireas bacadh air duine.
Question
"Tha thu cho fada nad cheann, a Chaluim, agus chan 猫ist thu ri beachdan dhaoine eile."
D猫 tha tha e fada na cheann a' ciallachadh?
- duine air a bheil ceann m貌r
- duine rag
- duine comasach
Tha tha e fada na cheann a' ciallachadh duine rag. Duine nach atharraich a bheachd.
Question
"Abair adhbhar airson a dhol a-mach air a ch猫ile.
Abair sin!"
D猫 tha Abair sin! a' ciallachadh?
- Gu dearbha
- Na bi a' bruidhinn
- Rud a thuirt cuideigin
Tha Abair sin! a' ciallachadh "Gu dearbha!". Bidh thu dha chleachdadh nuair a tha thu ag aontachadh no a' daingneachadh rud.
Question
"Deireadh-sheachdain bhoireannach! Cha tig caochladh oirre!"
D猫 tha cha tig caochladh air/oirre a' ciallachadh?
- Cha tachair e
- Chan atharraich e
- Cha bhiodh e glic
Tha cha tig caochladh air/oirre a' ciallachadh nach atharraich e no i, bidh e daonnan mar a tha e.