Abairtean a cluinneas tu bho àm gu àm
Cluinnidh tu na h-abairtean a tha seo an-dràsta is a-rithist. A bheil fios agad dè a tha iad a' ciallachadh?
Question
Dè tha lùghdachadh air na prìsean a' ciallachadh?
- Tha nithean a' fàs nas saoire
- Tha nithean ro dhaor
- Chan eil atharrachadh air cosgaisean
Tha lùghdachadh air na prìsean a' ciallachadh gu bheil prìsean a' tighinn sìos, a' fàs nas saoire.
Question
Dè tha aran làitheil a chosnadh a' ciallachadh?
- Ag ithe cus arain gach latha
- A' pàigheadh cus air aran
- A bhith ag obair airson bith-beò
Tha aran làitheil a chosnadh a' ciallachadh nach urrainn dhuinn ar feumalachdan a cheannach mura a dèan sinn obair.
Question
Dè tha dìth mhòr na cèille a' ciallachadh?
- Gun chiall sam bith
- Uabhasach glic
- A' feuchainn ri bhith ciallach
Tha dìth mhòr na cèille a' ciallachadh gun chiall sam bith.
Question
Dè tha cùm do theanga a' ciallachadh?
- Blasad air rudeigin
- Bi sàmhach
- Na cuir a-mach do theanga
Tha cùm do theanga a' ciallachadh bi sàmhach, sguir a bhruidhinn.
Question
Dè tha buileach glan a' ciallachadh?
- Gad nighe fhèin
- A' nighe an aodaich
- Gu tur
Tha buileach glan a' ciallachadh gu tur. Ma thu thu 'buileach glan' an aghaidh rud, tha thu gu tur na aghaidh.