ý

Bàs Maighdeann Nirribhidh

Ach thàinig an t-ànradh nuair a chaochail Mairead san Dàmhair, 1290 fhad 's a bha i a' siubhal à Nirribhidh a dh'Alba. Dh'fhàs i tinn air bòrd a' bhàta ann am muir cunnartach, agus chaochail i ann an Arcaibh 's gun i fada bho thìr-mòr Alba.

Bha sin a' ciallachadh gun robh cùis-èiginn ann an rìoghachd Alba a-rithist:

  • Le Mairead marbh, bha Cùmhnant Bhirgham gun ùghdarras.
  • Cha robh e soilleir cò an t-oighre a bh' aig crùn Alba oir cha robh an còrr air fhàgail de theaghlach Alasdair III.
  • Bha cuid de dh'uaislean Alba, Raibeart Brus nam measg, air tòiseachadh ag ullachadh airson sabaid airson a' chrùin.