Leughadh
Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean leughaidh a leasachadh aig 脤re N脿iseanta 4. Tha an earrann st猫idhichte air litreachas.
Sgeulachd: Glacte
Bha mi air mo ghlacadh ann an solas l脿idir geal a bha a' de脿rrsadh a-nuas orm. Cha b' e seo a' chiad turas a thachair e dhomh anns an t-saoghal san robh mi be貌 a-nis.
Bha mi air ionnsachadh gum b' e an rud a b' fhe脿rr a dh猫anamh fuireach far an robh mi gus an d' rachadh sguab an t-solais seachad orm. An uair sin dh'fhaodainn mo shlighe a dh猫anamh dhan taobh thall agus biadh fhaighinn dha mo chuideachd.
Bha agam ri seo a dh猫anamh a h-uile oidhche. A-raoir chaidh deagh charaid dhomh a mharbhadh. Dh'fheuch e ri ghluasad a-mach 脿s an t-solas, ach ged a rinn e sin chaidh a leagail gu l脿r. Tha a chorp ann an seo fhathast, beagan shlatan air falbh bhuam.
Sin an solas seachad a-nis. Feumaidh mi ruith. Bidh an ath sholas a' de脿rrsadh an ceann mionaid no dh脿. Tha a' bheatha seo l脿n de chunnartan. Chan eil c脿il a dh'fhios agad cuin a thig c脿r, ceithir cuibhlichean agus an uair sin chan eil dol 脿s agad. 'S e beatha chunnartach a tha ann am beatha gr脿ineig.