ý

Prìomh fhiosrachadh

'S e sruthadh de mhìrean le teàrrds neagataibh, ris an canar eileagtronan, a tha san dealan a bhios sinn a' cleachdadh gach latha.

Tha dealan air a ghintinn le bhith ag atharrachadh lùth eadar-dhealaichte gu lùth dealain.

Faodaidh an lùth seo a bhith bho bhunan ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.

Tha a' chuid as motha dhen dealan againn air a ghintinn ann an stèiseanan cumhachd agus air a ghiùlan gu far a bheil feum air tron Ghriod Nàiseanta de chàbaill agus de loidhneachan cumhachd. Tha paidhleonan mòra aig cuid dhe na càbaill sin ann an achaidhean. Tha cuid eile dhiubh fon talamh agus air an ceangal ri dachaighean agus togalaichean.

Paidhleonan dealain

A' gintinn dealan agus a' bhuaidh aige

Faigh a-mach mu na diofar dhòighean a dh'fhaodas sinn a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Dè th' ann an dealan?

Bidh sinn a' cleachdadh dealan a h-uile latha. Dèan liosta dhen h-uile rud a rinn thu madainn an-diugh mus tàinig thu dhan sgoil. Coimhead a-rithist air an liosta. Cia mheud rud a chleachd dealan?

'S e sruthadh de mhìrean beaga, bìodach le teàrrds neagataibh, ris an canar eileagtronan, a th' ann an dealan. Canar ùԲ𲹲 ri stuthan a leigeas le eileagtronan sruthadh tromhpa. Tha meatailtean, leithid copar, a tha air a chleachdadh ann an uèirichean dealain, nan ùԲ𲹲 dealain.

'S e seòrsa de lùth a th' ann an dealan. Gabhaidh lùth atharrachadh, no aiseag, bho aon riochd gu riochd eile. Bidh sinn a' dèanamh lùth dealain le bhith ag atharrachadh riochd eile de lùth gu lùth dealain.

Ciamar a bhios sinn a' gintinn dealan?

Tuirbin ann an stèisean cumhachd
Image caption,
Tha cuid de thuirbinean uabhasach mòr le mòran lannan a tha air am putadh timcheall le èadhar theth no stiom. (Cultura Creative RF / Alamy Stock Photo)

Tha lùth cineataigeach an lùib a' mhòr-chuid de dhòighean anns am bi sinn a' gintinn dealan.

'S e lùth cineataigeach an lùth a tha an lùib gluasad. Gabhaidh gasaichean no lionntan a tha a' gluasad a bhith air an cleachdadh airson tuirbinean a thionndadh:

  • Tha tuirbinean gaoithe air an tionndadh le èadhar a' gluasad.
  • Tha tuirbinean dealan-uisge gan tionndadh le uisge a' sruthadh a-nuas tro phìoban.
  • Tha tuirbinean nan tonnan agus a' mhuir-làin gan tionndadh le gluasad na mara.

Tha a' mhòr-chuid de bhunan-lùtha ath-nuadhachail a' tòiseachadh le lùth cineataigeach.

Tha bunan-lùtha neo-ath-nuadhachail (connaidhean niùclasach, bith-thomad agus fosail) gu lèir a' tòiseachadh le lùth ceimigeach.

Tuirbin ann an stèisean cumhachd
Image caption,
Tha cuid de thuirbinean uabhasach mòr le mòran lannan a tha air am putadh timcheall le èadhar theth no stiom. (Cultura Creative RF / Alamy Stock Photo)
  • Tha connaidhean-fosail gan losgadh agus a' leigeil lùth teas mu sgaoil.
  • Tha lùth teas ga chleachdadh airson uisge a ghoil, agus bidh an stiom a bhios e a' dèanamh an uair sin a' tionndadh thuirbinean. Ann a bhith a' dèanamh seo, tha lùth teas air aiseag gu lùth cineataigeach.
  • Tha na tuirbinean ceangailte ri gineadairean. Nuair a thionndaidheas na tuirbinean, bidh iad a' tionndadh mhagnaitean mòra a tha air an cuairteachadh le cuibhlean uèir.
  • Bidh gluasad nam magnaitean a' toirt air eileagtronan tòiseachadh a' sruthadh tro na uèirichean agus tha lùth cineataigeach air aiseag gu lùth dealain.
  • 'S e am pròiseas seo a bhios a' gintinn an lùth dealain a dh'fheumas sinn airson ar dachaighean.
Diagram a' sealltainn mar a tha dealan air a ghintinn bho chonnaidhean-fosail

Dè tha am broinn gineadair?

Image caption,
Taobh a-staigh gineadair tuirbin gaoithe. Tha cearcall mhagnaitean timcheall oirean a' chearcaill sa mheadhan. Nuair a chuireas seo car, bidh dealan a' sruthadh tro na cuibhlean copair a tha mun cuairt air. (Mike Hudson / Alamy Stock Photo)

Ann an stèiseanan cumhachd, tha tuirbinean air an ceangal ri gineadairean. Am broinn a' ghineadair, tha cearcall mhagnaitean agus tha cearcall eile mu thimcheall seo, air a dhèanamh suas de thòrr uèir mheatailt air a suaineadh gu teann.

Nuair a thionndaidheas an gineadair, bidh na magnaitean a' cur car. Bidh gluasad nam magnaitean thairis air na uèirichean a' toirt air dealan tòiseachadh a' sruthadh tro na uèirichean.

Image caption,
Taobh a-staigh gineadair tuirbin gaoithe. Tha cearcall mhagnaitean timcheall oirean a' chearcaill sa mheadhan. Nuair a chuireas seo car, bidh dealan a' sruthadh tro na cuibhlean copair a tha mun cuairt air. (Mike Hudson / Alamy Stock Photo)

Ciamar a bhios lùth na grèine a' gintinn dealan?

Tuath grèine ann an Siorrachd Pheairt
Image caption,
Tha 55,000 panail grèine air tuath grèine Oighreachd Errol ann an Siorrachd Pheairt, agus tha sin a' toirt dealan do chòrr is 3,500 dachaigh.

Aocoltach ri bunan-lùtha eile, cha bhi tuirbinean gan cleachdadh airson dealan a ghintinn bho lùth na grèine. Bidh ceallan grèine ag aiseag lùth solais bhon Ghrèin gu dìreach gu bhith na lùth dealain.

Nuair a bhuaileas solas na grèine air fillidhean sileacon am broinn cheallan grèine, bidh teàrrds dealain a' cruinneachadh agus a' cruthachadh sruth dealain.

Bhon a tha panailean grèine an urra ri solas na grèine, cha bhi iad a' gintinn dealan ach tron latha nuair a tha solas na grèine a' deàrrsadh orra. Chan eil iad cho èifeachdach ma tha i sgòthach, agus cha bhi iad gintinn dealan air an oidhche.

'S e dìreach lùth solais bhon ghrèin a bhios panailean grèine a' cleachdadh.

Cha bhi an teòthachd ag atharrachadh na bhios panail grèine a' gintinn de dhealan. Mar sin chan eil e gu diofar an e latha teth no fuar a th' ann. 'S e neart solas na grèine a-mhàin a bhios a' dèanamh diofar.

Tuath grèine ann an Siorrachd Pheairt
Image caption,
Tha 55,000 panail grèine air tuath grèine Oighreachd Errol ann an Siorrachd Pheairt, agus tha sin a' toirt dealan do chòrr is 3,500 dachaigh.

Seasmhachd

Airson gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air a bhith coinneachadh ri feumalachdan an latha an-diugh agus an àԲԱ𲹳 agus bunan a dhìon airson an àm ri teachd.

Tha iomadh seòrsa bun-lùtha ath-nuadhachail ann agus bidh iad a' gintinn dealan ann an diofar dhòighean.

Gabhaidh tuathan gaoithe, lùth nan tonn, lùth dealan-uisge agus lùth geo-thearmach uile an cleachdadh airson dealan a ghintinn. Tha iad uile stèidhichte air an aon dòigh air dealan a ghintinn. Bidh iad ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain a' cleachdadh thuirbinean agus gineadairean.

Bidh ceallan grèine a' cleachdadh solas bhon ghrèin gus teàrrdsan a thogail a chuireas sruth gu dol.

Ged a tha buannachdan agus eas-bhuannachdan aca uile, 's e dòigh nas glaine a tha annta air dealan a ghintinn seach connaidhean-fosail.

Dealan ga ghintinn bho chonnadh-fosail

Buannachdan

  • Tha am bun-structar na àite mar-thà airson dealan a ghintinn bho chonnaidhean-fosail.

Eas-bhuannachdan

  • Bidh connaidhean-fosail a' losgadh agus a' dèanamh carbon dà-ogsaid a tha na ghas taigh-glainne agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
  • Tha connaidhean-fosail neo-ath-nuadhachail agus teirigidh iad a dh'aithghearr. Chan urrainn dhuinn a bhith an urra riutha gu bràth!

Bunan-lùtha ath-nuadhachail airson dealan a ghintinn

Buannachdan

  • Tha bunan-lùtha ath-nuadhachail mar a' ghaoth, a' ghrian agus na tonnan seasmhach agus cha theirig iad.
  • 'S e dòigh nas glaine a tha ann am bunan-lùtha ath-nuadhachail air dealan a ghintinn – cha bhi iad a' dèanamh ghasaichean taigh-glainne.
  • Tha na cosgaisean stèidheachaidh airson bunan-lùtha mar lùth gaoithe nas saoire na bunan-lùtha eile lethid cumhachd niùclasach.

Eas-bhuannachdan

  • Chan eil cuid de bunan-lùtha ath-nuadhachail – mar a' ghaoth, tonnan agus a' ghrian – an-còmhnaidh rim faotainn. Chan urrainn tuathan gaoithe dealan a ghintinn air lathaichean nach eil gaoth ann, agus cha bhi cumhachd grèine ag obair air lathaichean sgòthach.
  • Dh'fhaodadh cosgais mhòr a bhith an lùib bun-structar ath-nuadhachail nas ùire a chur an àite a' bhun-structar a th' ann an-dràsta, a tha stèidhichte air connaidhean-fosail.
  • Tha factaran ann co-cheangailte ri suidheachadh. Chan obraich lùth dealan-uisge, mar eisimpleir, ach far a bheil tòrr uisge.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic