ý

Prìomh fhiosrachadh

Bidh lùth niùclasach a' gintinn tòrr lùth bho chonnadh niùclasach ann an iom-obrachadh earbsach air an gabh smachd a chumail.

'S e a th' ann an connadh niùclasach agus mar sin chan e bun-lùth a th' ann.

Cha bhi e a' dèanamh carbon dà-ogsaid no sam bith eile, agus mar sin cha bhi e a' cur gu dìreach ri teasachadh na cruinne. Tha cuid dhen bheachd gur e roghainn mhath a th' ann an àite chonnaidhean-fosail .

Faodaidh rèididheachd bho chonnadh niùclasach agus sgudal niùclasach cron mòr a dhèanamh air nithean beò. Mar sin, tha cuid de dhaoine dhen bheachd gu bheil connadh niùclasach ro chunnartach do shlàinte agus dhan àԲԱ𲹳 airson a chleachdadh.

Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas, Alba
Image caption,
Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas, Alba

Lùth niùclasach agus a' bhuaidh aige

Mar a tha lùth niùclasach air a ghintinn

Tha stèiseanan cumhachd niùclasach coltach ri stèiseanan cumhachd traidiseanta oir tha uisge air a theasachadh gus a thionndadh agus lùth dealain a ghintinn.

Ach an àite a bhith a' losgadh chonnaidhean, bidh na h-ataman uranium (an connadh niùclasach) a' dol tro iom-obrachadh ris an canar fisean niùclasach a bhios a' cruthachadh teas.

Fisean niùclasach

'S e fisean niùclasach nuair a thèid a sgoltadh le bhith a' losgadh niutron (mìr beag bìodach) air. Nuair a thèid atam a sgoltadh, bidh e a' leigeil uiread mòr de lùth mu sgaoil mar theas.

Fisean niùclasach
Figure caption,
Fisean niùclasach

Reactairean niùclasach

'S e uranium agus plutonium na prìomh chonnaidhean niùclasach. Tha iad sin air an cumail ann an reactair niùclasach.

  1. Bidh an connadh niùclasach a' dol tro fhisean niùclasach anns an reactair, a' dèanamh teas – lùth niùclasach gu lùth teas.
  2. Tha teas air a chleachdadh airson uisge atharrachadh gu stiom anns an iomlaidiche teas.
  3. Bidh an stiom a' tionndadh an tuirbin – lùth teas gu lùth cineataigeach.
  4. Bidh seo a' tionndadh a' ghineadair airson dealan a ghintinn – lùth cineataigeach gu lùth dealain.
Diagram a' sealltainn mar a tha reactair niùclasach ag obair
Figure caption,
Diagram a' sealltainn mar a tha reactair niùclasach air a chleachdadh airson stiom a chruthachadh a thionndaidheas tuirbinean airson dealan a ghintinn.

Factaran suidheachaidh

Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas, Lodainn, Alba
Image caption,
Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas, Lodainn, Alba. Bidh an stèisean cumhachd a' cleachdadh sàl às a' Chuan a Tuath mar phàirt den t-siostam fuarachaidh. Chris Mattison / Alamy Stock Photo

Tha stèiseanan cumhachd niùclasach a' cur feum air bun-uisge earbsach airson fuarachadh agus rudan eile. Tha iad mar as trice air an togail ri taobh na mara no lochan mòra.

Faodaidh rèididheachd cron mòr a dhèanamh air nì beò sam bith, agus air daoine cuideachd. 'S ann air an adhbhar sin a bhios stèiseanan cumhachd niùclasach air làraichean air falbh bho bhailtean.

Faodaidh buaidh uabhasach a bhith aig tubaistean ann an stèiseanan cumhachd niùclasach. Feumar mar sin an togail far nach bi cunnart ann bho thuiltean, crithean-talmhainn no dian-shìde sam bith. Ann an 2011, dh'fhàillig an dealan ann an stèisean cumhachd niùclasach Fukushima ann a' Iapan air sgàth . Thug seo air an reactair teasachadh cus ag adhbharachadh grunn spreadhaidhean agus chaidh uireadan mòra, mòra de rèididheachd mu sgaoil.

Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas, Lodainn, Alba
Image caption,
Stèisean Cumhachd Niùclasach Thòrr an Eas, Lodainn, Alba. Bidh an stèisean cumhachd a' cleachdadh sàl às a' Chuan a Tuath mar phàirt den t-siostam fuarachaidh. Chris Mattison / Alamy Stock Photo

Seasmhachd lùth niùclasach

Airson gum bi cùisean seasmhach anns an àm ri teachd, feumar smaoineachadh air a bhith a' coinneachadh fheumalachdan an latha an-diugh agus a' dìon na h-àԲԱ𲹳 agus ò airson an àm ri teachd.

Tha cumhachd niùclasach neo-ath-nuadhachail chionn teirigidh an uiread de chonnadh niùclasach a tha air an t-saoghal. Ach ge-tà, chan fheumar ach uireadan beaga de chonnadh niùclasach airson uireadan mòra de lùth a ghintinn agus chan eilear mar sin ga chosg cho luath ri connaidhean-fosail.

Tha cumhachd niùclasach seasmhach san t-seagh nach bi e a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil agus a' cur ri teasachadh na cruinne. Bithidh e a' leigeil uireadan beaga de ghas rèidio-beò agus stuth eile mu sgaoil, ach dìreach glè bheag.

Bidh e a' fàgail sgudal niùclasach a tha gu math rèidio-beò agus a dh'fheumar a stòradh shìos domhainn fon talamh airson sàbhailteachd agus tèarainteachd.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth niùclasach

Buannachdan

  • Tha lùth niùclasach nas glaine na connaidhean-fosail (chan eil gasaichean taigh-glainne mar carbon dà-ogsaid no sulfar dà-ogsaid air an cruthachadh).
  • Tha e glè èifeachdach - chan fheumar ach glè bheag de chonnadh niùclasach airson tòrr dealain a ghintinn.
  • Ged a tha connadh niùclasach neo-ath-nuadhachail, chan eilear ga chosg gu luath.
  • Aon uair 's gu bheil e air a stèidheachadh, tha na cosgaisean airson a ruith ìosal.

Eas-bhuannachdan

  • Tha connadh niùclasach neo-ath-nuadhachail agus teirigidh e uaireigin.
  • Tha cosgais mhòr an cois a stèidheachadh agus, mar sin, tha feum air tòrr airgid an toiseach gnothaich. Tha am pròiseas a' toirt iomadh bliadhna.
  • Tha am pròiseas a tha an cois stèiseanan lùth niùclasach a dhì-choimiseanadh gus nach bi iad nan cunnart do shlàinte no dhan àԲԱ𲹳 cuideachd fada agus cosgail.
  • Tha cuid dhen sgudal niùclasach a tha uabhasach rèidio-beò agus feumar cur às dha gu cùramach. 'S àbhaist gum bithear ga thiodhlacadh shìos domhainn fon talamh.
  • Ma bhios tubaist ann, dh'fhaodadh rèididheachd a dhol mu sgaoil a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air daoine agus air an àԲԱ𲹳.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic