Prìomh fhiosrachadh
Ged a tha lùth ath-nuadhachail a' fàs nas cumanta, tha duilgheadasan mòra fhathast rim fuasgladh ma tha sinn a' dol a ghluasad air falbh gu tur bho connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail..
Tha mòran stòran ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. an urra ris an t-sìde (gaoth, tuinn, grian) a tha cho caochlaideach. Chan eil e an-còmhnaidh air chomas dhuinn solar earbsach de lùth a bhith againn. Dh'fhaodadh stòradh lùth cuideachadh leis a seo.
Tha stòradh lùth cudromach airson gum bi lùth ath-nuadhachail nas fhasa a ghiùlan.
Lùthan ùra ath-nuadhachail agus a' bhuaidh aca
Stòradh air a phumpadh
Chan e beachd ùr a th' ann an stòradh air a phumpadh, ach ghabhadh barrachd leasachaidh a dhèanamh air airson cur ris a' chomas stòraidh lùth againn.
Gabhaidh uireadan mòra de lùth a stòradh ann an siostaman stòraidh air am pumpadh mar a tha a' tachairt aig Stèisean Cumhachd Dealan-uisge Chruachain.
Tha tòrr dz-ùٳ ann an uisge air a chumail ann an stòr-amar àrd.
Nuair a tha feum air lùth, tha an t-uisge air a leigeil mu sgaoil agus bidh e a' sruthadh sìos tro tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. agus a-steach dhan stòr-amar ìosal. Bidh seo ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.
Nuair a bhios dealan a bharrachd ann, thèid aig Cruachan air pàirt dhen lùth a bharrachd a chleachdadh airson uisge a phumpadh air ais suas dhan stòr-amar àrd, deiseil airson a shruthadh air ais sìos a-rithist.
Stòradh grabhataidh
'S e siostam nas ùire a th' ann an stòradh grabhataidh a bhios a' cleachdadh an aon phrionnsabal ri stòradh air a phumpadh. An àite uisge 's e tha a' tachairt gu bheil cuideaman mòra, mòra air an leagail 's air an togail ann an toll a tha suas ri 1500m a dhoimhne.
Nuair a tha barrachd dealain air a ghintinn na tha air a chleachdadh, gabhaidh pàirt dhen lùth a tha a bharrachd a chleachdadh airson na cuideaman a thogail. Bidh seo cur ris a' chomas-lùth grabhataidh aca.
Le bhith a' leigeil às nan cuideaman airson an leagail, bidh an dz-ùٳ air atharrachadh gu lùth cineataigeach. Bidh tuirbinean agus gineadairean ag atharrachadh seo gu lùth dealain - lùth cineataigeach gu lùth dealain. Le bhith leigeil leis na cuideaman tuiteam aig diofar luathsan, gabhaidh smachd a chumail air an uiread dealain a tha air a ghintinn airson diofar ìrean iarrtais a shàsachadh.
Lùth ath-nuadhachail airson còmhdhail
Càraichean dealain
Tha càraichean dealain uabhasach math airson turasan goirid, ach tha meud na bataraidh a' cur bacadh air an astar a thèid agad air siubhal mus feum thu a teàrrdsadh.
Feumar bataraidhean innleachadh a mhaireas nas fhaide ach a bheir an aon uiread de dhealan, a bhios mun aon mheud ach a bhios cuideachd nas luaithe gan teàrrdsadh.
Tha siostaman measgaichte ann an cuid de chàraichean agus bidh iad a' cleachdadh an dà chuid peatroil agus bataraidhean. Bidh a' bhataraidh air a teàrrdsadh a' cleachdadh lùth air a ghintinn nuair a bhios brèigean a' chàir gan cur air. Gabhaidh a chleachdadh airson cumhachd a thoirt dhan chàr aig luaths meadhanach.
Ceallan connaidh
'S e fuasgladh eile air stòran lùtha do chòmhdhail a ghabhas an giùlan ceallan connaidh haidridean.
Bidh iad sin a' toirt air haidridean agus ogsaidean iom-obrachadh air dhòigh agus gun tèid lùth dealain a ghintinn a ghabhas cleachdadh. Tha iad seo gu math glan chionn chan eil sgath carbon dà-ogsaid air a dhèanamh; dìreach uisge.
- Bidh haidridean a tha air a stòradh a' dol a-steach dhan chealla connaidh.
- Bidh catailist a' sgoltadh mhoileciuilean haidridean nam òٴDzԲ agus nan eilegtronan.
- Bidh na òٴDzԲ a' siubhal tro eileagtrolaidht bhon eileagtròd dhearbhte chun an eileagtròd àicheil.
- Bidh na h-eileagtronan a' siubhal tro chuairt a-muigh, bhon eileagtròd dhearbhte chun an eileagtròd àicheil, a' cruthachadh sruth dealain.
- Aig an eileagtròd àicheil, bidh na òٴDzԲ a' dol còmhla ris na h-eileagtronan agus ogsaidean agus a' dèanamh uisge.
Ach tha ceallan connaidh haidridean daor agus feumaidh iad a bhith gu math nas motha na tanca peatroil àbhaisteach. Tha iad an-dràsta nas freagarraiche do làraidhean agus do bhusaichean na do chàraichean.
Dòighean ath-nuadhachail air ar dachaighean a theasachadh
Tha boidhlearan gas sa mhòr-chuid de thaighean ann an Alba airson teas a thoirt dhuinn. Bhon as e connadh-fosail a th' ann an gas nàdarra, feumaidh sinn dòigh nas fheàrr a lorg.
'S e pumpaichean teas èadhair aon dhe na dòighean eile. Bidh iad sin a' toirt èadhar a-steach bho thaobh a-muigh an taighe agus ga -ùٳ. Bidh seo a' dlùth-theannadh an lùth teas bhon èadhar airson 's gun urrainn fiù 's èadhar fhuar an siostam teas-meadhain a bhlàthachadh.
Ach chan urrainn dhaibh sin teas a thoirt dhuinn aig teòthachd cho àrd ri boidhlear gas. Mar sin tha feum air rèididheatoran nas motha no teas fon làr airson do dhachaigh a chumail blàth. Tha seo cuideachd a' ciallachadh gum feum stuth ionsuladaidh gu math nas fheàrr a bhith anns na dachaighean againn mus obraich pumpaichean teas èadhair gu math.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count1 of 12
- count2 of 12
- count3 of 12
- count4 of 12