ý

Tha dealan a' tighinn bho iomadh bun lùth, ach an do smaoinich thu riamh ciamar a tha an dealan sin air a dhèanamh?

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Diofar bhunan lùth air an cleachdadh airson dealan a dhèanamh
  • Mar a bhios tuirbinean agus gineadairean a' gintinn dealan
  • Mar a bhios dealan a' faighinn dha na dachaighean agus na sgoiltean againn

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd do C5, C6 agus C7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Cò às a tha dealan a' tighinn?

Bidh dealan a' tighinn bho iomadh bun lùth - gabhaidh panailean grèine, damaichean dealan-uisge, stòr-amaran geò-thearmach, connaidhean-fosail, gasaichean bhon sgudal againn agus fiù 's an lùth air a stòradh am broinn ataman uile a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Cha bhi sinn a' faighinn dealan gu dìreach bho na bunan lùth sin. Tha pròiseas ann eadar lùth a ghlacadh bhon ghaoith, bhon ghrèin no bho cheimigean agus uidheam a phlugadh a-steach airson an dealain a dh'fheumas e mus obraich e.

Ciamar a tha dealan air a dhèanamh?

Tuirbin ann an stèisean cumhachd
Image caption,
Tha cuid de thuirbinean uabhasach mòr le mòran lannan a tha air am putadh timcheall le èadhar theth no stiom. (Cultura Creative RF / Alamy Stock Photo)

Tha lùth cineataigeach an lùib a' mhòr-chuid de dhòighean a bhios sinn a' gintinn dealan.

'S e lùth gluasaid a th' ann an lùth cineataigeach. Faodar gasaichean no lionntan a tha a' gluasad a chleachdadh airson car a chur de thuirbinean:

  • Bidh èadhar a tha a' gluasad a' cur car de thuirbinean gaoithe.
  • Tha tuirbinean dealan-uisge air an tionndadh le uisge a' sruthadh sìos tro phìoban.
  • Tha gluasad na mara a' tionndadh tuirbineanan thonnan agus tuirbinean làin.

Tha bunan lùth eile ann a bhios a' tòiseachadh le lùth teas. Bidh stèiseanan cumhachd geo-thearmach, niùclasach, bith-thomad agus connadh-fosail gu lèir a' dèanamh teas. Bidh an lùth teas seo air a chleachdadh airson uisge a theasachadh gu bhith na stiom, no airson lionntan no gasaichean eile a theasachadh.

Nuair a thèid lionntan no gasaichean a theasachadh bidh iad a' leudachadh agus a' gabhail an àirde barrachd rùm. Tha seo ag adhbharachadh gluasad a ghabhas a chleachdadh airson car a chur de thuirbinean.

Tuirbin ann an stèisean cumhachd
Image caption,
Tha cuid de thuirbinean uabhasach mòr le mòran lannan a tha air am putadh timcheall le èadhar theth no stiom. (Cultura Creative RF / Alamy Stock Photo)
Grafaig a' sealltainn mar a tha gas air atharrachadh gu dealan
Image caption,
Ann am mòran stèiseanan cumhachd, tha lùth teas air a chleachdadh airson stiom ghluasadach no èadhar theth a chruthachadh. Thèid aig a' ghluasad seo air car a chur de thuirbin, a bhios an uair sin a' cur car de ghineadair.

Dè tha am broinn gineadair?

Image caption,
Taobh a-staigh gineadair tuirbin gaoithe. Tha cearcall mhagnaitean timcheall oirean a' chearcaill sa mheadhan. Nuair a chuireas seo car, bidh dealan a' sruthadh tro na cuibhlean copair a tha mun cuairt air. (Mike Hudson / Alamy Stock Photo)

Ann an stèiseanan cumhachd, tha tuirbinean air an ceangal ri gineadairean. Am broinn a' ghineadair, tha cearcall mhagnaitean agus tha cearcall eile mu thimcheall seo, air a dhèanamh suas de thòrr uèir mheatailt air a suaineadh gu teann.

Nuair a thionndaidheas an gineadair, bidh na magnaitean a' cur car. Bidh gluasad nam magnaitean thairis air na uèirichean a' toirt air dealan tòiseachadh a' sruthadh tro na uèirichean.

Image caption,
Taobh a-staigh gineadair tuirbin gaoithe. Tha cearcall mhagnaitean timcheall oirean a' chearcaill sa mheadhan. Nuair a chuireas seo car, bidh dealan a' sruthadh tro na cuibhlean copair a tha mun cuairt air. (Mike Hudson / Alamy Stock Photo)

Ciamar a tha dealan air a ghiùlan?

Tha dealan air a ghiùlan tro chàbaill is loidhnichean cumhachd a' Ghriod Nàiseanta. Tha paidhleonan mòra aig cuid dhe na càbaill seo ann an achaidhean. Tha cuid eile fon talamh agus air an ceangal ri dachaighean agus togalaichean.

Image caption,
Tha dealan air aiseag bho stèiseanan cumhachd gu na dachaighean agus na gnothachasan againn tro lìonradh phaidhleonan is chàbaill ris an canar an Griod Nàiseanta. (David Robertson / Alamy Stock Photo)

Rudan son smaoineachadh orra

  • Chan eil cothrom air dealan aig 9.5% (740 millean neach) de shluagh an t-saoghail. An taca ri sin, tha mòran dhiofar uidheaman is innealan aig daoine san RA a tha a' cleachdadh dealan gach latha.

  • Tha cuid de dhealan air a ghintinn bho stòran neo-ath-nuadhachail, mar connaidhean-fosail. Tha na connaidhean-fosail sin a' dèanamh eimiseanan carbon a bhios a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde agus teirigidh iad uaireigin.

  • Tha cuid de dhealan air a ghintinn bho stòran ath-nuadhachail mar a' ghaoth no dealan-uisge a tha math dhan àrainneachd agus nach teirig.

  • Chan e rud a chruthaich daoine a tha ann an dealan. Tha e ann an iomadh pròiseas nàdarra cuideachd mar buille ar cridhe, mar a bhios stoirm thàirneanaich ag adhbharachadh dhealanaich agus mar a bheir easgann dealain breab dealain dhan chreich aice.

Back to top

panail grèine – Tha panailean grèine air an cleachdadh airson dealan a ghintinn. Air an dèanamh le tòrr cheallan grèine, gheibhear panailean grèine air togalaichean, ach faodar cuideachd an cleachdadh air tuath grèine airson cumhachd na grèine a ghlacadh.

lùth cineataigeach – 'S e lùth cineataigeach an lùth a th' ann an rud air sgàth a' ghluasaid aige. Thèid aig lùth cineataigeach na gaoithe no an uisge air na lannan air tuirbin a thionndadh airson dealan a ghintinn.

tuirbin – Tha crann agus lannan air tuirbin sìmplidh agus bidh na lannan ag atharrachadh gluasad nan lionntan no nan gasaichean gu bhith na ghluasad meacanaigeach. 'S àbhaist gum bi uisge no èadhar a' putadh nan lannan agus a' cur car dhen chrann. Tha tuirbinean air an cleachdadh airson an gineadair a thionndadh.

gineadair – Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, bidh an lùth cineataigeach seo air atharrachadh gu bhith na lùth dealain.

Griod Nàiseanta – Canar an Griod Nàiseanta ris an lìonradh de phaidhleonan agus de loidhnichean cumhachd a bhios a' toirt dealan gu na dachaighean, sgoiltean, oifisean agus gnothachasan againn.

paidhleonan – Structaran mòra meatailt a bhios a' cumail chàbaill dealain àrd os cionn an talaimh agus air falbh bho dhaoine, bho bheathaichean agus bho bhacaidhean eile.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Nuair a bhios tu a' dol mun cuairt tron latha, am faic thu gin de phàirtean a' phròiseas a bhios a' gintinn agus a' giùlan dealan?

Seo liosta de rudan a dh'fhaodas tu coimhead airson:

  • Tuathan gaoithe no panailean grèine
  • Stèisean cumhachd
  • Fo-stèisean cumhachd air sràid
  • Paidhleon dealain
  • Càbaill a' giùlan dealan
  • Socaidean phlugaichean ann an taigh no togalach

Cudromach! Tha dealan cunnartach! NA buin do shocaidean phlugaichean, na feuch ri suathadh ann an loidhnichean no càbaill cumhachd agus na feuch ri dhol a-steach do stèiseanan no fo-stèiseanan cumhachd. Tha seo mu bhith a' coimhead a-mhàin agus 's fheàrr a dhèanamh cuide ri inbheach airson stiùireadh. Coimhead a-mach airson, agus thoir aire do, shoidhnichean rabhaidh mu dhealan agus uidheaman dealain.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic