ý

Tha seasmhachd a' ciallachadh rud a dhèanamh nach dèan sgath, no glè bheag, de mhilleadh air an àrainneachd agus gun seas e airson ùine mhòr.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Carson a tha seasmhachd cudromach

  • Eisimpleirean de rudan neo-sheasmhach a bhios sinn a' dèanamh

  • Mar a nì sinn roghainnean nas seasmhaiche nar beatha

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).

Back to top

Dè th' ann an seasmhachd agus carson a tha e cudromach?

Tha a bhith a' dèanamh rudeigin ann an dòigh sheasmhach a' ciallachadh a bhith ga dhèanamh ann an dòigh as urrainn cumail a' dol.

Tha sin glè chudromach an-dràsta chionn tha an Talamh a' dol tro linn de dh'atharrachadh gnàth-shìde. Tha an Talamh a' teasachadh air sgàth teasachadh na cruinne agus tha seo ag atharrachadh na sìde, ràithean agus ìrean uisge. Ma dh'atharraicheas sinn uile mar a tha sinn beò, thèid againn air bacadh a chur air dè uiread 's a dh' atharraicheas na rudan sin. Feumaidh sinn gearradh sìos air na rudan neo-sheasmhach a bhios sinn a' dèanamh, mar:

  • a' cleachdadh ùٳ a bhios a' dèanamh tòrr carbon dà-ogsaid
  • a' cleachdadh stuthan a bhios a' truailleadh agus a' cosg tòrr ùٳ an dèanamh

Feumaidh sinn a bhith beò ann an dòigh sheasmhach airson strì a dhèanamh an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus airson an Talamh, agus gach nì beò a th' ann, a dhìon.

Rudan neo-sheasmhach a bhios sinn a' dèanamh

Eisimpleirean de rudan neo-sheasmhach a bhios sinn a' dèanamh:

Image caption,
Chan eil connaidhean-fosail seasmhach. Tha e cudromach bunan-ùٳ seasmhach a lorg a chleachdas sinn nan àite. (PSL Images / Alamy Stock Photo)

Tha e neo-sheasmhach a bhith a' cleachdadh chonnaidhean-fosail:

  • Bidh iad a' leigeil carbon dà-ogsaid agus gasaichean taigh-glainne eile mu sgaoil a bhios ag adhbharachadh atharrachadh na gnàth-shìde.

  • Tha iad neo-ath-nuadhachail a tha a' ciallachadh nach cùm iad a' dol gu bràth. Ma chumas sinn oirnn gan cleachdadh airson ùٳ a dhèanamh, latheigin cha bhi an còrr air fhàgail.

  • Bidh iad a' truailleadh na h-èadhair, uisge agus talamh agus a' dèanamh milleadh air beathaichean, lusan agus àԳٱ dhaoine.

Image caption,
Chan eil connaidhean-fosail seasmhach. Tha e cudromach bunan-ùٳ seasmhach a lorg a chleachdas sinn nan àite. (PSL Images / Alamy Stock Photo)

Image caption,
'S dòcha gu bheil e togarrach dhuinn a bhith a' ceannach rudan ùra, ach tha a h-uile càil a cheannaicheas sinn a' cosg dhan àrainneachd. (RayArt Graphics / Alamy Stock Photo)

Tha e neo-sheasmhach a bhith a' ceannach barrachd na dh'fheumas sinn:

  • Rud sam bith a nì sinn, bidh sinn a' cleachdadh stòran nàdarra a tha neo-ath-nuadhachail.
  • Faodar àrainneachdan a mhilleadh no a thruailleadh le bhith a' cladhach stòran nàdarra às an talamh (mar eisimpleir air sgàth àiteachas no mèinneadh.)
  • Bidh rud sam bith a cheannaicheas sinn a' cleachdadh ùٳ airson a dhèanamh agus a ghluasad.
Image caption,
'S dòcha gu bheil e togarrach dhuinn a bhith a' ceannach rudan ùra, ach tha a h-uile càil a cheannaicheas sinn a' cosg dhan àrainneachd. (RayArt Graphics / Alamy Stock Photo)

An dòigh a cheannaicheas agus a chleachdas sinn rudan

Image caption,
Tha tòrr ùٳ ga chleachdadh a' gluasad bathar air feadh an t-saoghail air làraidhean, bàtaichean agus plèanaichean. (Frank Nowikowski / Alamy Stock Photo)

Glè thric, tha an dòigh a cheannaicheas agus a chleachdas sinn rudan cuideachd neo-sheasmhach.

  • Bidh gnothachasan a' giùlan biadh, dèideagan, aodach agus bathar eile thar astaran mòr ag adhbharachadh tòrr truaillidh agus eimiseanan carbon.
  • Nuair a tha sinn deiseil le rudan, glè thric cha bhi sinn gan ath-chuairteachadh. Tha seo a' dèanamh cron air an àrainneachd agus tha e a' ciallachadh gun teirig na stuthan sin uaireigin.
Image caption,
Tha tòrr ùٳ ga chleachdadh a' gluasad bathar air feadh an t-saoghail air làraidhean, bàtaichean agus plèanaichean. (Frank Nowikowski / Alamy Stock Photo)
Back to top

Mar a nì sinn roghainnean nas seasmhaiche

Nì sinn uile feum san t-strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus ann an dìon na planaid. Cuidichidh an riaghailt lùghdaich, ath-chleachd, ath-chuairtich sinn gu bhith beò ann an dòigh sheasmhach airson a' phlanaid a dhìon agus a' bheatha a tha oirre.

Image caption,
Tha e a' toirt deagh bhuaidh air an àrainneachd ma lùghdaicheas sinn na tha sinn a' caitheamh de bhiadh. (Oramstock / Alamy Stock Photo)

ù岹

ù岹 an uiread:

  • de rudan a bhios sinn a' ceannach
  • de ùٳ a bhios sinn a' cleachdadh
  • de bhiadh, uisge agus ùٳ a bhios sinn a' caitheamh
  • de rudan a bhios sinn a' ceannach a chaidh a ghluasad thar astaran mòr

Bu chòir dhuinn gu h-àraidh nas lugha de phlastaig a chleachdadh chionn bidh e a' milleadh nah-àrainneachd nuair a thathar ga dhèanamh agus nuair a thathar ga shadail air falbh.

Image caption,
Tha e a' toirt deagh bhuaidh air an àrainneachd ma lùghdaicheas sinn na tha sinn a' caitheamh de bhiadh. (Oramstock / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Faodaidh deagh spòrs a bhith ann a bhith ag atharrachadh seann aodach no àirneis agus gan cur gu feum às ùr. (faithie / Alamy Stock Photo)

Ath-chleachd

A bhith ag ath-chleachdadh rudan a th' againn seach a bhith gan sadail air falbh. Mar eisimpleir, faodaidh sinn iad seo ath-chleachdadh:

  • corran bìdh – ma rinn sinn cus airson na dinneir, dh'fhaodamaid a ghabhail a-rithist airson lòn no mar ghrèim beag
  • crogain ghlainne agus botail-uisge – gabhaidh iomadh seòrsa rud a chumail annta
  • seann aodach agus seann àirneis – faodaidh tu an cleachdadh treiseag eile, an càradh no rudan ùra a dhèanamh leotha (canar 'suas-chuairteachadh' ris a seo)
  • faodaidh aodach math, dèideagan, leabhraichean agus bathar eile a tha thu air fàs a-mach às a dhol gu bùth carthannais airson gun cleachd daoine eile iad.

Tha seo a' ciallachadh nach bi sinn a' ceannach uiread de stuth ùr agus gum bi sinn a' lùghdachadh na tha sinn a' cur ri eimiseanan carbon dà-ogsaid.

Image caption,
Faodaidh deagh spòrs a bhith ann a bhith ag atharrachadh seann aodach no àirneis agus gan cur gu feum às ùr. (faithie / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Innsidh fiosrachadh ath-chuairteachaidh air pacadh dhut an deach a dhèanamh à stuth a chaidh ath-chuairteachadh cheana agus an gabh e ath-chuairteachadh a-rithist. (Carolyn Jenkins / Alamy Stock Photo)

Ath-chuairtich

An stuth a th' againn ath-chuairteachadh an àite a shadail às.

Chan eil a' mhòr-chuid dhe na rudan a bhios sinn a' ceannach ٳ-àach – cha chnàmh na stuthan a th' annta gu nàdarra. Tha seo ag adhbharachadh tòrr ionadan lìonadh-talmhainn, tòrr sgudail agus àitichean salach.

Ma dh'ath-chuairticheas sinn rudan, chan e a-mhàin gum bi sinn a' cumail na h-àrainneachd ionadail nas sgiobalta, bidh sinn cuideachd a' cuideachadh na h-àrainneachd chruinneil chionn chan eil ath-chuairteachadh a' cleachdadh uiread de ùٳ 's a tha a bhith a' dèanamh rudan ùra.

Tha e cudromach fàs eòlach air àٱ agus ciamar a dh'ath-chuairticheas sinn rudan. Faodar a' mhòr-chuid de rudan ath-chuairteachadh agus bidh samhla orra ag innse an gabh sin dèanamh.

Image caption,
Innsidh fiosrachadh ath-chuairteachaidh air pacadh dhut an deach a dhèanamh à stuth a chaidh ath-chuairteachadh cheana agus an gabh e ath-chuairteachadh a-rithist. (Carolyn Jenkins / Alamy Stock Photo)
Back to top

Sùil air companaidhean

Mu dheireadh, ged a nì gach neach againn diofar beag, faodaidh sinn cuideachd feuchainn ri toirt air companaidhean mòra diofar mòr a dhèanamh.

Bidh mòran dhe na companaidhean mòra ag adhbhrachadh fada a bharrachd eimiseanan carbon na daoine fa leth. Faodaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil na companaidhean sin a' dèanamh an dìchill a' phlanaid a dhìon cuideachd.

Bidh cuid de chompanaidhean a' dèanamh barrachd na cuid eile airson truailleadh a sheachnadh. Bidh iad a' cleachdadh ùٳ agus stuthan seasmhach, a' cleachdadh nas lugha de chòmhdhail agus de phacadh airson nach bi uiread de chaitheamh ann.

Faodaidh sinn taghadh a dhèanamh air dè na companaidhean bhon ceannaich sinn rudan le bhith a' coimhead a bheil iad math dhan àrainneachd no nach eil.

Bidh smachd agad air barrachd dhe na roghainnean sin nuair a bhios tu nas sine.

Ma chailleas companaidhean mòra a tha a' milleadh na h-àrainneachd luchd-ceannach agus airgead air sgàth 's nach eil iad ag obrachadh ann an dòigh sheasmhach, 's dòcha an uair sin gum faic sinn iad ag atharrachadh nan dòighean aca agus gum bi barrachd spèis aca dhan phlanaid againn.

Ma thòisicheas sinn a' toirt taic do chompanaidhean a tha ag obrachadh ann an dòigh nas seasmhaiche, dh'fhaodadh sin companaidhean eile a bhrosnachadh cuideachd.

Image caption,
Le bhith a' cleachdadh no a' cruthachadh stuthan ùra, seasmhach, thèid aig companaidhean air ar cuideachadh gu bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche. (UrbanImages / Alamy Stock Photo)
Back to top

Buannachdan agus eas-bhuannachdan a bhith beò gu seasmhach

Buannachdan

Tha uiread de bhuannachdan ann ma bhios dòigh-beatha sheasmhach againn, agus ma bhios sinn mothachail air a' bhuaidh a tha aig na nì sinn air an àrainneachd.

  • Bidh sinn a' lùghdachadh na buaidh air an àrainneachd nàdarra. Ma lùghdaicheas sinn eimiseanean carbon cronail, cuidichidh sin sinn gu bhith a' sabaid an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus am milleadh a tha sin a' dèanamh.

  • Cuidichidh e gu bhith a' dèanamh cinnteach gum bi an t-àm ri teachd math dha na ginealaich ri teachd. Tha seo glè chudromach chionn bidh barrachd buaidh aig na co-dhùnaidhean a nì sinn an-dràsta air a' chloinn againn agus air ar n-oghaichean.

  • Le bhith a' cleachdadh bhunan-ùٳ ath-nuadhachail, thèid againn air obraichean ùra, inntinneach a chruthachadh.

  • Le bhith a' lùghdachadh na tha sinn a' caitheamh, thèid againn air airgead a chaomhnadh.

Eas-bhuannachdan

Chan eil eas-bhuannachdan mòra ann an dòigh-beatha sheasmhach chionn tha barrachd bhuannachdan ann na eas-bhuannachdan. Dh'fhaodadh e:

  • Beagan a bharrachd a chosg aodach no bathar seasmhach a cheannach (ach cuimhnich mura bi sinn a' ceannach uiread, bidh sinn cuideachd a' caomhnadh barrachd airgid san àm ri teachd.)

  • Beagan a bharrachd ùine a thoirt ag obrachadh a-mach càit an ath-chuairtich sinn rudan san dòigh cheart agus càit an ceannaich sinn rudan ma tha thu airson taic a thoirt do chompanaidhean a tha mothachail air an àrainneachd.

  • Bith doirbh co-dhùnadh ciamar a bhios dòigh-beatha sheasmhach againn (ach cuimhnich gum faod rud sam bith a nì thu ann an dòigh sheasmhach a bhith na chuideachadh. Feuch ri aon rud a dhèanamh an toiseach gus am fàs thu cleachdte ris… agus an uair sin dèan rudeigin eile, agus rudeigin eile.)

Cuimhnich! Ged a tha eas-bhuannachdan an lùib dòigh-beatha sheasmhach, gu bheil fada a bharrachd bhuannachdan ann a thaobh a bhith a' cur bacadh air atharrachadh na gnàth-shìde agus a' dìon an t-saoghail againn.

Back to top

seasmhachd - Rud a dhèanamh nach dèan sgath, no glè bheag, de mhilleadh air an àrainneachd agus gun seas e airson ùine mhòr.

carbon dà-ogsaid - Gas, a tha ri fhaighinn anns a' chruth as cumanta aige, ann an àile na Talmhainn.'S e gas taigh-glainne a th' ann agus faodaidh e bhith cronail don àrainneachd oir tha e a' cur ri teasachad na cruinne.

connaidhean-fosail - 'S e gual, ola agus gas na trì connaidhean-fosail – sin na bunan ùٳ neo-ath-nuadhachail. Canar connaidhean-fosail riutha chionn tha iad air an dèanamh bho lusan agus bho bheathaichean marbh a tha air an dùٳadh fon talamh fad mhilleanan bhliadhnaichean agus a tha, mu dheireadh, a' dol nan connaidhean-fosail.

neo-ath-nuadhachail - Stòrasan nàdarra nach tig air ais nuair a thèid an cleachdadh. Tha uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail mar gual, ola agus gas uile nan stòrasan neo-ath-nuadhachail.

tart - Faodaidh gainnead uisge buaidh a thoirt air daoine agus air an àrainneachd. Bidh seo a' tachairt nuair nach bi mòran uisge ann thar ùine mhòr, mar as trice fad ràith no nas fhaide.

ٳ-à - An comas a tha aig stuth air briseadh sìos agus a dhol à bith thar ùine. Bidh bacteria agus eileamaidean bith-eòlach eile a' leaghadh cuid de stuthan. Ma bhith-chnàmhas stuth, tha e a' ciallachadh gun ith mean-fhàs-bheairtean e. 'S e pròiseas cudromach a tha seo ann an eag-eòlas agus ann am manaidseadh sgudail.

eimiseanan carbon dà-ogsaid - Carbon ga sgaoileadh a dh'àile na Talmhainn agus a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dèan postair a bheir air daoine eile a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche

Cuir ann am fiosrachadh a leanas:

  • Na tha seasmhachd a' ciallachadh

  • Carson a tha e cudromach dhan àrainneachd a bhith beò ann an dòigh sheasmhach

  • Mar as urrainn dhuinn a bhith beò ann an dòigh sheasmhach

  • Ìomhaighean, tiotalan agus roinnean air an deagh eagrachadh agus tiotalan air na roinnean

Cuimhnich! Tha seasmhachd a' ciallachadh a bhith a' dèanamh rudeigin ann an dòigh as urrainn cumail a' dol – mar sin feumaidh sinn a bhith beò ann an dòigh a tha math dhan Talamh agus a dh'fhaodas cumail a' dol gun chron a dhèanamh air a' phlanaid no air na daoine, na lusan agus na beathaichean a tha beò a seo.

Back to top

More on Beò ann an dòigh sheasmhach

Find out more by working through a topic