´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Geàrraidhean cruaidhe...ach chan ann fhathast

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-10, 7:38

Dè mar a tha cùisean a' seasamh a' mhadainn às dèidh don t-seansalair ²¹²Ô-»åè?

'S e an càineadh as motha a rinn na pàrtaidhean eile air Alistair Darling gun robh e air roghainnean dhuilich a chuir dheth gu an dèidh an taghaidh coitchinne.

A-rèir an t-seansalair dùbhlain, Seòras Osborne, chan e aithisg ro bhuidseat ach aithisg ro thaghadh a thug Mgr Darling seachad.

An e iongnadh a tha seo do dhuine sam bith?

Leis an taghadh sia mìosan no nas lugha air falbh tha gach pàrtaidh a' feuchainn ri làmh an uachdar fhaighinn air an fheadhainn eile.

Ach 's i a' chasaid aig Mgr Osborne gu bheil Mgr Brown is Mgr Darling ri slaightearachd is iad a' feuchainn ri bràth a ghabhail air an luchd-bhòtaidh.

Sochairean soisealta

Thoiribh sùil, mar eisimpleir, air plana Mhgr Darling àrdachadh 1.5% do shochairean soisealta airson cloinne agus dhaoine ciorramach a thoirt air adhart bho 2011 don ath-bhliadhna.

As dèidh na h-òraid, thuirt buidheann-sgrùdaidh an Institute for Fiscal Studies, .

Am beachd Mhgr Osborne, tha riaghaltas nan Làbarach a' feuchainn ri taic a' mhòr-shluaigh a cheannach ron taghadh.

Thèid an cosgais a phàigheadh as a dhèidh.

A rèir Mhgr Darling fhèin, tha adhbhar làidir eaconomaigeach - seach dìreach poileataigeach - airson seo.

Sin gum biodh e cunnartach taic a thoirt air falbh bhon eaconamaidh agus piseach fhathast beag agus cugallach.

Pròiseactan poblach

'S i an dearbh argamaid a tha an SNP a' cleachdadh, ge-tà, gus slaic a thoirt air riaghaltas Westminster.

Tha an riaghaltas aig Holyrood air a bhith ag iarraidh air Roinn an Ionmhais airgead a thoirt air adhart a-rithist gus pàigheadh airson phroiseactan poblach.

Fhuair iad £347m mar seo ann an 2009-2010 agus tha iad den bheachd gur e cuideachadh mòr a bha ann gus spionnadh a thoirt do dh'eaconamaidh na h-Alba.

Bha iad ag iarraidh mun aon t-suim a-rithist, a chleachdadh iad, a-measg eile, air proiseactan taigheadais.

Chan e iongnadh a bha ann nuair a dhiult Alistair Darling sin a dhèanamh - chan e, fiù 's don SNP fhèin.

Ach nan robh Mgr Darling ri poileataigs an-dè, bha Rùnaire Albannach an Ionmhais, Iain Swinney, ris cuideachd.

A-nis, feuchaidh an SNP ri coire airson geàrraidhean do bhuidseat na h-Alba a chur air co-dhùnadh nan Làbarach gun an airgead seo a chur ann.

Geàrraidhean cruaidhe

Thuirt An Seansalair gur e an t-amas aige sàbhalaidhean a dhèanamh bho 2011 gus poilis, sgoiltean agus ospadalan a dhìon.

Ach 's ann a urra ri Holyrood a tha mar a thèid airgead a chosg air na seirbhisean seo ann an Alba.

Tro fhormula Bharnett, ma nì Riaghaltas Bhreatainn sàbhalaidhean, thig geàrraidhean do bhuidseat Riaghaltas na h-Alba.

Thèid ath-sgrùdadh làn air ionmhas na dùthcha a dhèanamh as dèidh an taghaidh coitchinne.

Agus tha dùil gun tig buidseat èiginneach bhon t-seansalair ùr.

An uair sin tha dùil ri geàrraidhean cruaidhe, ge bith cò bhuannaicheas.

Agus gluaisidh an argamaid bho cò as coireach gu dè ghabhas dèanamh mun deidhinn.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.