´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Crathadh na Croitearachd?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-10, 12:53

Aig a' cheann thall tha Riaghaltas na h-Alba air Bile Ath-leasachadh na Croitearachd fhoillseachadh.

'S urrainn do fheadhainn aig a bheil ùidh anns a' chuspair .

Tha an deasbad air a' bhile seo air a bhith a' ruith fad greis mar-thà.

Tha croitearan, buill-pàrlamaid agus daoine anns na coimhearsnachdan air beachdan làidir a thogail mu dheidhinn a' bhile - cuid dhiubh air Radio nan Gàidheal agus ´óÏó´«Ã½ Alba.

Gabhaidh am blog seo na beachdan sin cuideachd.

Thèid am bile a-nis tro phroiseas sgrùdaidh na Pàrlamaid agus an riaghaltas airson fhaighinn troimhpe anns a' bhliadhna ùir.

Molaidhean a' bhile

Bha Ministear na h-àrainneachd, Roseanna Choineagan, aig croit ann an sìorrachd Inbhir Nis  anns a' mhadainn gus molaidhean a' bhile a mhìneachadh. 

Aig cridhe a' bhile tha gnìomhan gus dèiligeadh ri daoine nach eil a' fuireach air na croitean aca air neo a bhios gan cleachdadh mar thaighean sàmhraidh.

Ach chaidh cuid de na planaichean as connspaidiche a thrèigsinn às dèidh ghearrainean bho chroitearan iad fhèin.

Fon bhile thèid ainm Choimisean nan Croitearan atharrachadh gu Coimisean na Croitearachd agus thèid cuid de na buill air a' choimisean a thaghadh.

Nan deidheadh e troimhe bhiodh aig comhairlean ri cead fhaighinn bhon Choimisean mus toireadh iad cead-dealbhachaidh airson taighean a thogail air talamh croite.

Thuirt Roseanna Choineagan an-diugh gun robh croitearachd air leth cudromach do dh'Alba ach gun robh i ann an cunnart.

A bheil i ceart? Agus an dèan am bile seo na tha a dhith airson an suideachadh atharrachadh?

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 9:06 Air 2009-12-11, Sgrìobh Alasdair MacCaluim:

    Tha Comataidh Cuisean Duthchail is Arainneachd na Parlamaid a' sireadh bheachdan sgriobhte bhon t-sluagh air Bile Ath-leasachaidh na Croitearachd aig an am seo. Gheibhear fios naidheachd mu rannsachadh na comataidh air:

    Bidh a' Pharlamaid a' cur failte air fianais anns a' Ghaidhlig.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.