´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Fàs ùr?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-01-26, 18:37

Mu dheireadh thall, tha e coltach gu bheil crìonadh na h-eaconamaidh seachad.

Thuirt mi gu bheil e 'coltach' leis gur ann a-rèir tuairmse a tha na figearan a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha dearbhadh a dhìth orra agus b' urrainn dhaibh atharrachadh.

Ach, airson a' chiad turas o thoiseach 2008 tha Oifis an Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun do dh'fhàs toradh nàiseanta na dùthcha - no GDP - anns na trì mìosan gu deireadh na bliadhna an uiridh.

'S e fàs beag a bha ann - dìreach 0.1% - ach fàs gun teagamh.

Lag

Mar a bhiodh dùil, chuir an seansalar fàilte air an naidheachd.

'S e seo a dearbh rud a bha e fhèin - agus a nàbaidh aig Àireamh a Deich - ag iarraidh ron taghadh choitcheann.

Ach tha am fàs nas lugha na bha dùil, agus an-diugh chaidh Mgr Darling is Mgr Brown a chàineadh airson cho "slaodach" agus "lag" 's a bha e.

Chan e iongnadh a bha sin, bho dhithis - Mgr Osborne is an Dtr Cable - a tha iad fhèin airson grèim fhaighinn air na h-iuchraichean do thaigh an t-Seansalair aig Àireamh a h-Aon Deug.

Ach chan eil sin a' ciallachadh nach eil iad ceart.

'S e Breatainn an eaconamaidh leasaichte mu dheireadh a tha air tighinn a-mach às an staing.

An-diugh, ge-tà, bidh Alistair Darling toilichte gu leòr.

Alba

Tha againn ri feitheamh greis mus tèid na figearan fhoillseachadh airson Alba.

Ach an-diugh thuirt Rùnaire an Ionmhais aig Holyrood, Iain Swinney, gun robh e an dùil gun leanadh Alba an aon phàtran.

Anns an eadar-àma, ge-tà, tha e ag iarraidh air Mgr Darling airgead a bharrachd a thoirt air adhart anns a' bhuidseat aigesan gus dèanamh cinnteach nach crìon eaconamaidh na h-Alba a-rithist.

Saol an èist e ris?

Nuair a nochdas am buiseat sin, cha bhi an taghadh fad às.

Tha e coltach gu bheil an crìonadh fhèin seachad.

Mairidh a bhuaidh air an deasbad phoileataigeach fad greis co-dhiù.

Ach dh'fhaodadh a bhuaidh air daoine àbhaisteach maireachdainn fada na b' fhaide.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.