´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Ceistean duilich

Niall O’Gallagher | 2010-01-21, 17:42

Chaidh ceist dhuilich a thogail an-diugh leis a' bhall neo-eisimileach, Margo NicDhòmhnaill.

Dh'fhoillsich am ball airson Lodainn .

Chan eil e mì-laghail an Alba do dhuine cur às dhaibh fhèin, ach tha e mì-laghail do dhuine eile an cuideachadh.

Tha am bile seo ag amas air an t-suidheachadh sin atharrachadh.

Ann an Sasainnn, thug an t-àrd neach-tagraidh comhairle seachad nach bu choltach gun deidheadh duine a thoirt do lagh airson sin.

Cha deach a leithid de chomhairle a thoirt seachad ann an Alba.

Beachdan làidir

Togaidh a' chùis seo beachdan làidir aig Holyrood agus tron dùthaich.

Do chuid, tha atharrachadh a dhìth air an lagh gus trocair a thoirt do dhaoine a tha a' fuilling gu mòr.

Tha feadhainn eile draghail mu na thacradh nan deidheadh an t-atharrachadh seo troimhe.

A-measg dhotairean tha sgaradh bheachd ann, ach tha Comann Meidigeach Bhreatainn draghail gun dèidheadh iarraidh orra beathannan a ghabhal seach an sàbhaladh.

Tha feagal air daoine eile gun deidheadh uallach a chur air seann dhaoine cur às dhaibh fhèin.

Chum Margo NicDhòmhnaill fhèin a-mach gu bheil gnìomhan anns a' bhile gus dèanamh cinnteach nach tacradh sin.

Pearsanta

Dhise, 's e cùis phearsanta a tha seo.

Tha Margo NicDhòmhnaill a' fuilling le tinneas Pharkinson.

Thuirt i fhèin an-diugh gun robh a làmhan a' crathadh mar thoradh air an tinneas - ach nach robh a h-eanchainn a' crathadh idir.

Tha tòrr dhaoine an seo bho gach taobh den t-seòmar measail air Margo NicDhòmhnaill.

Agus 's ann as urra riutha mar phàrlamaid dè thachras don bhile.

Tha an riaghaltas is na pàrtaidhean dùbhlanach air dearbhadh gum bi bhòt saor aig a h-uile duine.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.