´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Toiseach na bliadhna ùir

Niall O’Gallagher | 2010-01-05, 12:16

Bliadhna mhath ùir dhuibh uile.

Tillidh na pàrlamaidean aig Holyrood agus Westminster an-diugh.

Mu dheas, tha an iomairt fhada air tòiseachadh mar-thà airson an taghaidh choitchinn.

Chan eil dùil ris gu An Cèitean - no 's dòcha am Màrt - ma thèid Gòrdon Brown don lùchairt tràth.

Ach tha na pàrtaidhean a-nis a' strì airson gach bhòt agus iad a' cur na polasaidhean aca air beulaibh a' mhòr-shluaigh.

Aig a' cheart àm tha gnothaichean fhathast rin dèanamh aig Westminster mus tèid na buill a sgaoileadh - dèiligeadh ri sgainneal nan cosgaisean nam measg.

Buidseat an riaghaltais

Mu thuath, tha sùilean a' tionndadh gu buidseat an riaghaltais agus na buill gu bhith a' bhòtadh air as t-Earrach.

An uiridh, thuit am buidseat air bhòt an oifigeir riaghalaidh agus bha aig an riaghaltas ri dhol air ais don phàrlamaid ri dreach eile.

Bidh iad airson an suidheachadh sin a sheachnadh an turas-sa.

Tha fios aig Holyrood gun toir an dol a-mach buaidh air toradh an taghaidh choitchinn agus cumaidh iad aon sùil co-dhiù air an iomairt.

'S e bliadhna mhòr a bhios ann airson poileataigs na dùthcha.

Cumaidh am blog seo dà shùil air.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.