'S urrainn do bhlogaichean connspaid adhbharachadh.
Dha-rìribh, 's e sin fear de na h-amasan a tha aca - beachdan a thogail agus deasbad a bhrosnachadh.
Ach feumaidh tu a bhith faiceallach ma sgrìobhas tu blog agus tu ag obair do bhall-pà rlamaid na h-Alba.
Nas fhaiceallaiche a-rithist ma dh'obraicheas tu do mhinistear Riaghaltas na h-Alba.
Aig Àm nan Ceist an-diugh, thog Iain Gray cùis Mhark MhicLachlainn, a b' à bhaist a bhith obair do Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal.
Bha aige ri falbh as dèidh mar a nochd gun robh e na ùghdar bloig a thug slaic - gun ainm - air ball-pà rlamaid na h-Alba agus eile.
Amharasach
Aig an à m, thuirt Mìcheal Ruiseal nach robh fios aige mu na bha a' tachairt agus gun do ghabh e ri tairgse bho Mhgr MacLachlainn a dhreuchd fhà gail.
Ach an-diugh, chaidh aithris gun tuirt Mgr MacLachlainn gun robh fios aig Mgr Ruiseal mu na bha e a' sgrìobhadh.
Gu prìbhiteach, tha na Là baraich amharasach gum bi an SNP a' cleachdadh nam blogaichean seo airson teachdaireachdan poileataigeach a sgaoileadh.
Dh'iarr Iain Gray air a' Phrìomh Mhinistear toirt air Mgr Ruiseal tighinn don t-seòmar gus mìneachadh dè dìreach am fiosrachadh a bha aige mu bhlog Mhgr MhicLachlainn.
Ach thuirt Ailig Salmond gun robh e riaraichte leis na thuirt Mgr Ruiseal air a' chùis mar-thà .
Na bheachd, bu chòir do Mhgr Gray a shùil a thoirt air cùisean eile.
Cuspairean eile
Carson, dh'fhaighnich Mgr Salmond, nach do chleachd Mgr Gray an cothrom aige ceistean a thogail mu chuspairean eile?
Dè mu dheidhinn tuiteam Ghlobespan, figearan ùra mu chion-chosnaidhean, Copenhagan agus blà thachadh na cruinne?
'S iad na cuspairean a bu chòir do cheannard nan dùbhlanach togail aig Àm nan Ceist, a-rèir a' Phrìomh Mhinisteir.
'S ann gu math follaiseach a tha e gun bheil faireachdainn là idir air na beingean là barach mu na h-ionnsaighean pearsanta a tha a' tighinn bho na blogaichean seo.
Agus chà in Ailig Salmond blogaichean den t-seòrsa gu là idir, ge b' e dè an taobh às an thà inig iad.
Ach nach e beachd a' mhòr-shluaigh mar-thà gum bi luchd-poileataigs a' toirt slaic air a chèile?
Am bi iad deònach èisteachd ri Iain Gray is e ag rà dh gu bheil na nà isteantaich nas miosa na duine sam bith eile?
Fà gaibh ur beachdan fhèin aig bonn na duilleige.