An duine a tha airson a bhith na phrìomhaire
'S e trioblaid a tha ann an Alba do Dhà ibhidh Camshron.
Tha Ceannard nan Tòraidhean airson a bhith na phrìomhaire as dèidh an taghaidh.
Ach fiù 's ma gheibh na Tòraidhean mòr-chuid, bidh e fìor dhuilich dhaibh barrachd na à ireamh bheag de bhuill fhaighinn ann an Alba.
An-drà sta 's e Dà ibhidh Mundell an aon bhall Albannach a tha aig na Tòraidhean anns na Cumantan.
Tha fios air Mgr Camshron, mar sin, gu faodadh e a bhith na phrìomhaire gun ach beagan bhall an Alba.
Agus gum biodh aige ri dèiligeadh ri riaghaltas nà iseantach ann an Dùn Èideann.
Urram
Anns an òraid aige an-diugh do cho-labhairt Albannach nan Tòraidhean ann am Peairt, bha teachdaireachd don Phrìomh Mhinistear.
Tha Mgr Salmond an dòchas gum bi muinntir na h-Alba nas coltaiche taic a thoirt don SNP - agus do neo-eisimileachd - ma bhios riaghaltas Tòraidheach aig Westminster.
Tha Mgr Camshron eòlach air seo agus mar neach-taic an aonaidh, tha e airson sabaid eadar Lunainn agus Dùn Èideann a sheachnadh.
An-diugh, thuirt Mgr Camshron uair eile gun dèiligeadh e ri Alba le urram nam faigheadh e na h-iuchraichean do dh'Àireamh a Deich.
Chà in e mar nach do choinnich Gòrdon Brown ri Ailig Salmond fad bliadhna nuair a chaidh ceannard an SNP a thagadh mar Phrìomh Mhinistear.
Thuirt e gun tigeadh e do dh'Alba airson coinneachadh ris a' Phrìomh Mhinistear cho luath 's a dheidheadh a thaghadh.
Barrachd cumhachd
Gheall Mgr Camshron gun gluaiseadh na Tòraidhean air adhart le cumhachdan a bharrachd do Phà rlamaid na h-Alba.
Tha am pà rtaidh a bha an aghaidh fèin-riaghlaidh a-nis ag rà dh gur iad am pà rtaidh airson fèin-riaghalaidh.
Dh'fhoillsicheadh iad pà ipear geal stèidhichte air molaidhean Choimisean Chalmain.
Chan eil cinnt gun gabhadh na Tòraidhean ri gach moladh a thug an coimisean seachad - air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô mar eisimpleir.
Ach tha na Tòraidhean a-nis a' dol gu iomairt an taghaidh ag iarraidh barrachd chumhachdan do Holyrood.
Tha cùisean air atharrachadh gu mòr on a bha an riaghaltas Tòraidheach mu dheireadh ann am Westminster.
Atharrachadh
'S e sin an teachdaireachd a tha na Tòraidhean fhèin airson a sgaoileadh don luchd-bhòtaidh.
Tha am pà rtaidh airson sealltainn gu bheil iad air atharrachadh as dèidh bhliadhnaichean nuair a bha feadhainn ann an Alba ro dhiuid an t-ainm 'Tòraidh' a thoirt orra fhèin.
Anns an òraid aicese anns a' mhadainn, dh'iarr Annabel Goldie air daoine nach do bhòt air an son roimhe an taic a thoirt do na Tòraidhean an turas-sa.
'S e beachd nan Tòraidhean gun do sheall am pà rtaidh aig Holyrood gur urrainn dhaibh buaidh a thoirt air polasaidhean riaghaltas na h-Alba
Tha iad airson sealltainn gu bheil am pà rtaidh air ais ann an Alba airson nan taghaidhean ann am Westminster.
Leis na cunntasan-bhachd a' teannachadh, dh'fhaoidte gum biodh buill Albananch glè chudromach dhaibh