A' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh...
Tha an dà phà rlamaid - agus am blog seo - nam fosadh.
Ach shaol mi gum bu chòir dhomh beagan a sgrìobhadh mun òraid a bheir Gòrdon Brown seachad ann an Conventry Disathairne.
Tha sinn a' tuigsinn gum foillsich am Orìomhaire na ceithir cuspairean a bhios aig cridhe iomairt a' phà rtaidh Là baraich san taghadh choitcheann.
'S iad:
- dèanamh cinnteach gun lean am feabhas anns an eaconomaidh
- dìon sheirbheisean bunaiteach
- toirt taic don mhòr-chuid
- dìon chosnaidhean anns an à m ri teachd.
Iomairt
Bidh na roinneagan mòra bhon phà rtaidh an là thair; Alistair Darling, Peter Mandleson agus Alan Johnson nam measg.
Chan eil dùil gun tèid là an taghaidh fhoillseachadh, ach tha e soillear gu bheil Mgr Brown a' cur iomairt nan Là barach air cois.
Dè seòrsa iomairt a bhios innte ge-tà ?
Shaoladh sibh gum biodh gach pà rtaidh a' bruidhinn mun eaconomaidh, seirbheisean agus cosnaidhean.
Ach thoiribh sùil air an treas chuspair.
Ma tha na Là baraich a' toirt taic don mhòr-chuid dè tha iad ag innse dhuinn mu na Tòraidhean?
Cogadh nan Clasaichean
Tha Mgr Brown air dualchas Dhà ibhidh Chamshron a chleachdadh na aghaidh roimhe.
Thuirt e gun deach polasaidhean a' phà rtaidh aige a chruthachadh air roinnean-cluiche Eton.
A bheil na Là baraich airson 's gur e cogadh nan clasaichean a bhios ann an iomairt an taghaidh?
Cha do dh'obraich sin cho math ann am fo-thaghadh Chrewe agus Nantwich.
Ach dh'fhaoidte gum bi daoine nas deònaiche èisteachd ri seo agus tòrr dhaoine a' fullaing mar thoradh air droch staid na h-eaconomaidh.
Anns an eadar-ama, tha sinn uile dìreach a' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh.