An tèid e troimhe?
An-uiridh, nuair a thuit am buidseat air bhòt an oifigeir riaghalaidh bha ùpraid an seo aig Holyrood.
Cha robh a leithid air tachairt riamh agus bha sgeulachd mhòr againne mar luchd-naidheachd.
Ach, ged a bha e inntineach dhuinne, is coltach nach do chòrd e ris an luchd-bhòtaidh.
Tha mise air bruidhinn ri buill an seo a tha den bheachd gun d' rinn e cron, chan ann air an riaghaltas no air pà rtaidh gu sònraichte, ach air a' phà rlamaid gu lèir.
Carson, dh'fhaighnich feadhainn, nach b' urrainn dhaibh aonta a ruighinn air mar a thèid an t-airgead againne a chosg?
Cha do lùghdaich staing na h-eaconamaidh neart a' bheachd sin.
Taic
Sin fear de na h-à dhbharan nach eil dùil gun tachair an aon rud an turas-sa.
Tha na pà rtaidhean eile a' cumail a-mach nach cuir iad romhpa dè nì iad gus an cluinn iad bho dh'Iain Swinney anns an deasbad a thòiseachas aig 1430.
(Thèid a ma tha sibh airson a leantainn.)
Ach tha e coltach gum faigh Iain Swinney taic gu leòr bhon phà rlamaid airson am buidseat fhaighinn troimhpe.
Chan fhaigh i bho na Là baraich i, agus iadsan fhathast mì-thoilichte mu chur às do cheangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.
Ach tha e an dòchas gu bheil e air gu leòr a dhèanamh airson taic fhaighinn bho na Tòraidhean no na Lib Deamaich, no co-dhiù airson toirt orra suidhe a-mach às a' bhòt.
Bidh mise air Aithris an Fheasgair leis an toradh às dèidh 1700 agus sgrìobhaidh mi tuilleadh an seo as dèidh sin.