Deireadh sabaid a' bhuidseit - toiseach sabaid an taghaidh
Mar a bha dùil, chaidh buidseat riaghaltas na h-Alba troimhe gun cùs trioblaid.
Briseadh dùil don fheadhainn a bha airson na chunnaic sinn an-uiridh fhaicinn a-rithist.
Chaidh an ceòl air feadh na fidhle an uair sin nuair a dh'fhà ilig air Iain Swinney am buidseat fhaighinn troimhe a' chiad uair.
Ach mar a sgrìobh mi na bu trà ithe,Ìýbha buill draghail mun bhuaidh a bheireadh e air an cliù leis an luchd-bhòtaidh.
Bu choltach gun robh buill a' lorg aonta nan gabhadh a lorg.
Aig a' cheann thall, fhuair iad e.
³§²µ°ùù»å²¹»å³ó
Bhòt 66 airson a' bhuidseat,Ìý45 na aghaidh agus shuidh 14 a-mach à s.
Fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean às dèidh dhaibh sgrùdadh fhoillseachadh air na tha iad a' cosg còmhla ri taic a bharrachd do ghnìomhachasan beaga.
Dh' ainmich Mgr Swinney 7500 à iteachan ann an colaistean gus cuideachadh a thoirt do dhaoine òga gun chosnaidhean agus gnìomhan air tuarasdail anns an riaghaltas fhèin - ach cha deach sin fada gu leòr airson na Lib Deamaich.
Bhòt na h-Uainich air a shon, mar a rinn Margo NicDhòmhnaill, às dèidh dhaibh gealltanasan fhaighinn air trèanadh agus còmhdaichean blà ithe ann an dachaighean, a-measg eile.
Ach cha robh na Là baraich deònach taic a chur ris às aonais tionndadh air ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.
Cha tà inig sin, agus bhòt na Là baraich na aghaidh.
Roghainn
Dè fhuair na pà rtaidhean às ge-tà ?
Tha Iain Swinney air buidseat a stiùireadh triomhe aig à m air leth teann - bidh esan toilichte a-nochd.
Tha na Tòraidhean, na Lib Deamaich, na h-Uainich agus Margo NicDhòmhnaill air rudan fhaighinn bhuaithe, ged a tha pà rtaidh Thavish Scott fhathast ag rà dh gu bheil barrachd aige ri dhèanamh.
Dè fhuair na Là baraich ge-tà ?
Fhuair iad a' chuspair.
Is cinnteach gun cluinn sinn a-rithist agus a-rithist mu dheidhinn ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu tro iomairt an taghaidh.
Glic
'S e ceist eile an e cleas glic a tha seo.
A bheil na Là baraich draghail gun cà il iad seataichean ann an dà rna baile na h-Alba?
'S e oidhirp mhòr a tha a dhìth air an SNP fhathast ma tha iad airson briseadh troimhe ann an caisteal dualchasach nan Là barach.
Tha mi air bruidhinn ri daoine an sàs ann an iomairt a' phà rtaidh ann an Glaschu an Ear agus Meadhan Ghlaschu, agus bha iad gu math dòchasach - fiù 's ann an dìomhaireachd - mu na bha air fà ire dhaibh.
Thuirt duine aig ìre à rd ann an iomairt nan Nà iseantach nach robh plana nan Là barach ag obair ann an Glaschu agus nach robh plana aca airson a' chòir den dùthaich.
Tha sabaid a' bhuidseat seachad ach tha sabaid an taghaidh dìreach a' tòiseachadh.