´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Creideamh is Poileataigs

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-23, 18:51

Anns na Stàitean Aonaichte, far a bheil sgaradh foirmeil eadar an Stàit agus na h-eaglaisean, tha ceangal làidir ann eadar creideamh agus poileataigs.

Ann am Breatainn, far am bi easpaigean fhathast a' gabhail sheataichean ann an Taigh nam Morairean, cha tèid a ràdh gu trice gum bu chòir ceangal eadarra idir.

Ach a-nis tha Rùnaire na h-Alba air trod adhbhrachadh às dèidh mar a thuirt e ann an òraid gun robh luchd-bhòtaidh le creideamh cudromach do dh'iomairt a' phàrtaidh Làbaraich.

Rinn e iomradh air pàirt a' Bhìobaill ann an eachdraidh a' phàrtaidh Làbaraich.

Thuirt e gun d' fhuair na Làbaraich 31% den bhòt bho dhaoine le creideamh - 9% air thoiseach air na Tòraidhean - aig an taghadh mu dheireadh.

Bha aig a' phàrtaidh ri sin a dhèanamh a-rithist, a-rèir Mhgr Murphy, aig an taghadh am bliadhna.

Ifrinn

Cha deach cùisean mar a bha Mgr Murphy ag iarraidh ge-tà.

Thuirt labhraiche na h-Eaglaise Caitligiche an-dè gun robh an riaghaltas Làbarach air ionnsaigh a thoirt air an teaghlach tràidiseanta agus air saorsa-creideamh ann am Breatainn. 

Agus an-diugh thuirt an Cardinal Keith Patrick O'Brien gun tuirt e ri Iain Gray gun robh e an dòchas gun toireadh am Pàpa 'ifrinn' air nuair a thadhaladh e air Alba am bliadhna.

Dh'iarr an Cardinal air daoine beachdachadh air na bha iad ag iarraidh - tuilleadh den aon rud, no atharrachadh air an dòigh anns an robh daoine beò.

Tha e duilich do phàrtaidh a tha air a bhith ann an cumhachd fad 13 bliadhna ri ràdh gu bheil iad a' tabhainn atharrachadh.

An-diugh, am bi Jim Murphy den bheachd gun robh e glic dha creideamh a thogail mar chuspair phoileataigeach?

Taghadh

Tha Mgr Murphy a' riochdachadh Shìorrachd Rinn Friù, sgìre far a bheil coimhearsnachdan mòra Crìosdail, Muslamach agus Iùdhach.

An-diugh tha fear-labhairt a' phàrtaidh air bhith a' dol às àicheadh gun robh ceangal sam bith eadar an taghadh agus na thuirt Mgr Murphy a-raoir.

Sin a dh'aindeòin mar a rinn e iomradh air an sgìre phàrlamaid aige air a' chiad duilleig den òraid aige.

Ach ge b' e dè thug air Mgr Murphy an òraid seo a ghabhail, tha e air deagh cheist a thogail:

Am bu chòir ceangail a bhith ann eadar creideamh agus poileataigs?

Mar as àbhaist, fàgaibh ur beachdan fhèin an seo.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.