´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Buidseat Bhreatainn

Tha fios againn a-nis cùin a thèid am buidseat mu dheireadh ron taghadh choitcheann fhoillseachadh.

'S ann air an 24mh den Mhàrt a bheir Alistair Darling buidseat mu dheireadh na pàrlamaid seo seachad.

Dh'fhaodadh gur e am buidseat mu dheireadh dhan riaghaltas seo cuideachd.

Tha sinn dìreach siaÌýseachdainean ron là nuair a tha dùil ris an taghadh fhèin - an 6mh den Cheitean.

Bidh buidseatan an còmhnaidh mu dheidhinn poileataigs is chan ann dìreach mu dheidhinn airgid.

An turas-sa, bidh seo cho fìor 's a bha e a-riamh.

Gearraidhean

Feuchaidh an Seansalair ri roghainn a chur air beulaibh an t-sluaigh eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean air an eaconomaidh.

B' e sin an dearbh rud a rinn Gòrdon Brown nuair a thug e òraid mhòr seachad air a' chùis an-diugh ann an Lunnainn.

Thuirt am prìomhaire nach robh stoirm na h-eaconomaidh seachad, ach gun robh na Làbaraich air Breatainn a stiùireadh troimphe gu ruige seo.

Cha b' e seo an t-àm, thuirt e, airson an t-slighe atharrachadh - b' fheudar do Bhreatainn cumail air a' chursa air an robh i.

Bha Mgr Brown a' dèanamh iomradh air a' cheist a tha aig cridhe an deasbaid air an eaconomaidh, mu ghearraidhean do na bhios an riaghaltas a' cosg.

Chan i a' cheist am bu chòir do ghearraidhean a bhith ann, ach cùine thachras iad, dè thèid a ghearradh, agus dè cho domhainn 's a bhios iad.

Buidseat èiginneach

Tha na Tòraidhean airson buidseat èiginneach a chumail cho luath 's a bhios an taghadh seachad.

Tha Dàibhidh Camshron is Seòras Osborne den bheachd gu bheil easbhaidh na dùthcha a' cur cliù Bhreatainn ann an cunnart agus gu feum na gearraidhean tòiseachadh am bliadhna seo fhèin.

Ach tha Mgr Brown is Mgr Darling den bheachd gum biodh sin cunnartach agus an eaconomaidh fhathast cugallach.

Tha an SNP agus na Lib Deamaich ag aontachadh riutha gum biodh e cunnartach gearraidhean a dhèanamh ro thràth.

Tha an SNP den bheachd gu bheil e ro thràth airgead a ghearradh far bhuidseat na h-Alba.

Aig co-labhairt Albannach nan Lib Deamach ann am Peairt, thuirt Tavish Scott gum biodh £300 a bharrachd aig riaghaltas na h-Alba ri chosg ri linn sàbhalaidhean a dhèanadh Vince Cable mar sheansalair.

'S i a' cheist a-nis dè an rud as motha a chuireas dragh air an luchd-bhòtaidh - na gearraidhean fhèin no na dh'fhaodadh tachairt ma thèid an cur dheth.

Dh'fhaodadh an fhreagairt don cheist sin buaidh mhòr a thoirt air toradh an taghaidh.

Ìý

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 10:45 Air 2010-03-11, Sgrìobh Alasdair MacCaluim:

    "thuirt Tavish Scott gum biodh £300 a bharrachd"

    £300M an e?

  • 2. Aig 11:17 Air 2010-03-12, Sgrìobh Niall O'Gallagher:

    #1 Alasdair MacCaluim - gabh mo leisgeul, is tu a tha ceart!

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.