Aiseagan agus seataichean
Trod inntinneach mu fharaidhean aiseig aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh - ged nach b' ann dìreach mu dheidhinn aiseagan a bha e.
Chaidh fhoillseacahdh an-diugh gun deidheadh faraidhean Chaledonian Mhic a' Bhruathainn suas 2%.
Thuirt ceannard nan Lib Deamach gun toireadh seo buaidh air Earra-Ghaidheal agus Bòid - sgìre Ministear an SNP Jim Mather.
Ach, thuirt Tavish Scott nach deidheadh sgillinn a thoirt far an airgid airson sgeama RET anns na h-Eileanan an Iar.
A-rèir Mhgr Scott, b' e brìob £7.5m airson sgìre Alasdair Allan a bha seo.
Cia mheud, dh'fhaighnich, e den à rdadachadh ann am faraidhean ann an Earra-Ghaidheal a bha ga chleachdadh gus pà igheadh airson RET anns an h-Eileanan an Iar?
±·Ã ¾±°ù±ð
Cha do chòrd sin ris a' phrìomh mhinistear idir.
Thuirt Ailig Salmond gur e à dhbhar nà ire a bha ann do Thavish Scott a bhith a' bruidhinn mu sgeama RET mar sin.
Chum e a-mach gun deach fà ilte a chur air an sgeama le daoine air feadh na dùthcha, agus e a' toirt taic do choimhearsneachdan iomallach.
Cha robh fios aig a' phrìomh mhinistear cia mheud duine anns na h-Eileanan an Iar a bha nam buill de phà rtaidh Thavish Scott.
Ach bha e cinnteach gun deidheadh an à ireamh sin a lùghdachadh às dèidh na thuirt Mgr Scott mu RET.
Chan eil sùil nan Lib Deamach air na h-Eileanan an Iar ge-tà .
Draghail
Chaill an Lib Deamach George Lyon Earra-Ghà idheal agus Bòid do Jim Mather aig an taghadh Albannach mu dheireadh ann an 2007.
Agus bha iad air dheireadh air na Nà iseantaich anns an taghadh Eòrpach an-uiridh cuideachd.
Aig co-là bhairt Albannach a' phà rtaidh ann am Peairt air an deireadh sheachdain, thuirt na Lib Deamaich ris an do bhruidhinn mi fhìn nach robh iad draghail mun sgìre aig an taghadh choitcheann.
Bha misneachd aca nach biodh uidhir de dhaoine a' bhòtadh airson an SNP ann an taghadh do phà rlamaid Westminster.
Am beachd aon duine faisg air George Lyon - a tha a-nis na bhall den Phà rlamaid Eòrpaich - bha an SNP air gealltanasan a bhriseadh air aiseagan an Earra-Ghà idheal.
Carson, dh'fhaighnich e, am bu chòir do mhuinntir na sgìre misneachd a chur ann am ball-pà rlamaid nà iseantach?
Bhiodh atharrachadh de 10.5% a dhìth airson an seat a thoirt don SNP aig an taghadh choitcheann.
Ach, mura h-eil na Lib Deamaich draghail mu dheidhinn, carson a chaidh a' chùis a thogail le ceannard a' phà rtaidh aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir?