´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Ceistean aosda

Chuir an diofar phàrtaidhean na polasaidhean aca air bun-reachd na dùthcha air beulaibh a' mhòr-shluaigh an-diugh.

Mhol Gòrdon Brown ùine stèidhichte eadar taghaidhean mar a tha againn mar-thà airson pàrlamaid na h-Alba.

Agus thuirt e gun cumadh na Làbaraich referendum ro dheireadh 2011 air atharrachadh don t-siostam-bhòtaidh airson nan Cumantan, agus taghaidhean do Thaigh nam Morairean.

Thuirt an SNP gur e cealgaireachd a bha seo bho Ghòrdon Brown.

Carson, dh'fhaighnich iad, an bha na Làbaraich airson referendum a chumail air na cùisean seo nuair a bha iad a' diùltadh taic a chur ri referendum air neo-eisimileachd do dh'Alba?

Carson a bha iad airson referenda mu dheas agus nan aghaidh mu thuath?

Gealltanas

Is dòcha gun robh sùil Mhgr Brown air na Lib Deamaich - no co-dhiù air an luchd-taic aca.

Ach bu bheag an fhàilte a fhuair na faclan aige bho cheannard a' phàrtaidh, Nick Clegg.

Tha na Lib Deamaich air a bhith a' moladh PR do Thaigh nan Cumantan fad bhliadhnaichean, agus tha airson thaghaidhean do Thaigh nam Morairean.

Ach as dèidh 13 bliadhna den riaghaltas Làbarach, chan eil earbsa aca gun tèid gealltanas sam bith bhuapa air a' bhun-reachd a chur an gnìomh.

Coltach ris na Lib Deamaich, tha na Tòraidhean airson cumhachd ùr a thoirt do dhaoine na buill-pàrlamaid aca a chur far an dreuchdan.

Tha iad a' moladh cuideachd gearradh don àireamh de bhuill-pàrlamaid aig Westminster agus casg-bhòtaidh air buill-pàrlamaid Albannach air cùisean a tha Sasannach a-mhàin.

Briste

As dèidh sgaineal nan cosgaisean tha na pàrtaidhean uile ag ràdh gu bheil poileataigs Bhreatainn briste.

Chan eil aonta sam bith eatorra, ge-tà,Ìýmun dòigh as fheàrr airson a chàradh.

Chan e ceistean ùra a tha seo idir, ge-tà.

Chaidh taghaidhean do Thaigh nam Morairean a mholadh le riaghaltas eile.

.

Cha mhòr cead bliadhna as dèidh sin, saol an tachair e an turas-sa?

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.