An là mu dheireadh
Dh'fhaoidte gur e sin an turas mu dheireadh a bhios Gòrdon Brown agus Dà ibhidh Camshron a' seasamh an aghaidh a chèile aig Ceistean a' Phrìomhaire.
Mas e, saoil am bi fear dhiubh ag ionndrainn an fhìr eile?
Chan eil mise cho cinnteach.
Chleachd Mgr Camshron na ceistean mu dheireadh aigesan ro sgaoileadh na pà rlamaid airson iarraidh air a' phrìomhaire dleastanas a ghabhail airson cuid de na polasaidhean aige.
An toiseach, dh'iarr e air Mgr Brown aideachadh nach robh heileacoptairean gu leòr aig na feachdan Breatannach nuair a chaidh an cur gu sgìre Helmand ann an Afganastan.
Thuirt Mgr Brown nach robh e ach a' leantainn comhairle nan ceannardan agus gun d' fhuair iad gach uidheamachd a dh'iarr iad.
Àrachas Nà iseanta
Ghluais Mgr Camshron an uair sin gu peinnseanan, ag rà dh gun do ghoid Mgr Brown £100m bho stòras na dùthcha.
Thuirt Mgr Brown gun robh na Là raraich airson ceangal a stèidheachadh as ùr eadar peinnseanan agus cosnaidhean - ceangal a chaidh a bhriseadh leis na Tòraidhean.
Agus air an à rachas nà iseanta, thuirt Mgr Camshron gur e cìs air cosnaidhean a bh' ann, agus gun robh ceannardan gnìomhachais ag aontachadh ris.
Ach chaidh ceannard nan Tòraidhean a chà ineadh le Mgr Brown, a thuirt gun do chuir gnìomhachas taic ris na rinn Mgr Brown airson an eaconomaidh a shà bhaladh, rud nach d' rinn na Tòraidhean fhèin.
Nuair a thà inig an cothrom aigesan, chà in Nick Clegg clà r an dà phà rtaidh as motha air bun-reachd na dùthcha. Ciamar, dh'fhaighnich e, am b' urrainn don mhòr-shluaigh earbsa a chur annta air a' chùis seo a-rithist?
Dhìon Mgr Brown cliù nan Là barach air a' bhun-reachd agus chà in e na Tòraidhean airson bacadh a chur air planaichean airson referendum a chumail air an t-siostam-bhòtaidh.
Ceistean Albannach
Aig Ceistean Albannach ro là imh, thug Pete Wishart bhon SNP slaic air na Tòraidhean agus na Là baraich ag rà dh gun robh an dà phà rtaidh ag ullachadh ghearraidhean mòra do bhuidseat na h-Alba.
Airson nan Là barach, ge-tà , thuirt Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, nach robh an SNP cudromach anns an taghadh seo agus gur e riaghaltas Tòraidheach a gheibheadh daoine nan bhòtadh iad air an son.
B' e seo an là mu dheireadh nuair a bhios aire dhaoine air na thacras aig Westminster fhèin.
As dèidh seo, 's ann air an iomairt air feadh na dùthcha a bhios ar sùilean uile.