´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Manifesto nan Lib Deamach

Abair seachdainn a tha air a bhith aig na Lib Deamaich on a' chiad dheasbad eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg an t-seachdain a chaidh.

A-rèir nan cùnntasan-bheachd thug an deasbad buaidh mhòr air an iomairt, agus tòrr dhaoine ag ràdh a-nis gun cuir iad taic ris na Lib Deamaich.

Ma mhaireas a' bhuannachd a fhuair a' phàrtaidh bhon deasbad tha e glè choltach gum bi pàrlamaid gun mhòr-chuid ann agus cothrom aig na Lib Deamaich pàirt a ghabhail anns an riaghaltas ùr.

Bidh cùisean nas duilghe do Mhgr Clegg a-nochd agus uallach mòr air ceannard nan Lib Deamaich soirbhicheadh a-rithist.

Dh'fhaodadh gun toir a' chuspair - cùisean cèin - dùbhlan do Mhgr Clegg cuideachd, agus deagh sheans gun tig polasaidhean a' phàrtaidh air an Roinn Eòrpa fo sgrùdadh leis na ceannardan eile.

Ach a dh'aindeoin sin uile, bidh na Lib Deamaich glè thoilichte ron deasbad ann am Bristol a-nochd.

Alba

An seo ann an Alba, chaidh manifesto na Lib Deamach fhoillseachadh an-dè.

.

Tha am pàrtaidh a' bruidhinn mu cheithir cuspairean aig an taghadh seo - ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô cothromach, cothroman do dhaoine òga, eaconomaidh nas cothromaiche agus poileataigs nas glaine.

Fo phlanaichean a' phàrtaidh, cha phàigheadh daoine ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô air a' chiad £10,000 a bhiodh iad a' cosnadh - tha na Lib Deamaich ag ràdh gun toireadh seo £700 don mhòr-chuid de dhaoine.

Tha iad airson airgead a bharrachd a thoirt do sgoiltean - ged a tha foghlam fo smachd Holyrood.

Agus, tha iad airson na bancaichean a bhriseadh sìos agus a' chumhachd a thoirt do dhaoine buill-pàrlamaid a chur far an dreuchdan.

Seachdain mhath

Ann an Alba,Ìýtha na Lib Deamaich ag iarraidh ceithir seataichean a bharrachd air an 12 a tha aca an-dràsta - 's iad Dùn Èideann a Deas, Obair Dheathain a Deas, Dùn Èideann a Tuath 's Lìte agus Glaschu a Tuath.

As dèidh seachdaine maithe anns na cùnntasan-bheachd, tha sgiopa nan Lib Deamach ann an Alba an dòchas gum bi e nas fhasa dhaibh grèim fhaighinn air na ceithir seataichean seo, agus grèim a chumail air a' chuid a tha aca mar-thà.

Ach dh'aidich fear dhiubh dhomh gum bi e duilich dhaibh fhathast seataichean eile a ghabhail - fiù 's far an robh iad anns an dàrna àite ann an 2005.

Tha an iomairt a' ruith aig co-dhiù dà ìre - an ìre nàiseanta a thachras gu ìre mhòr air telebhisean, agus an ìre ionadail leis na tagraichean ionadail agus cuspairean ionadail.

'S i a' cheist dè a' bhuaidh a bheir an deasbad nàiseanta air na h-iomairt ionadail, gu h-àraid anns na sgìrean targaid.

Chì sinn ciamar a sheasas cùisean as dèidh an dàrna dheasbaid a-nochd.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.