´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Manifesto an SNP

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-21, 13:04

Tha Manifestothan Albannach nan ceithir pàrtaidhean as motha againn a-nis.

Sgrìobhaidh mi a dh'aithghearr mu fhear nan Lib Deamach a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Ach, an toiseach, Manifesto an SNP a nochd an-dè.

A-rithist, .

'S e amas nan nàiseantach 20 ball-pàrlamaid a chur gu Westminster - chan eil aca ach seachdnar an-dràsta.

A bheil gu leòr anns a' mhanifesto seo airson sin a dhèanamh?

Polasaidhean

Chan eil e cho fada agus trom 's a tha manifestothan nan Làbarach no nan Tòraidhean - agus tha e furasta sin a thuigsinn.

Chan urrainn don SNP riaghaltas a chruthachadh aig Westminster, agus anns a' mhanifesto aca tha iad ag ràdh nach gabhadh iad pàirt ann an riaghaltas le pàrtaidh sam bith eile.

Mar sin dheth, chan eil am manifesto seo na liosta de pholasaidhean a chuireadh riaghaltas an gnìomh.

An àite sin, tha an SNP a' feuchainn ri mìneachadh dè dhèanadh iad agus iad airson buaidh a thoirt air an riaghaltas ann am pàrlamaid gun mhòr-chuid.

As dèidh a' chiad dheasbaid eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg tha e a' coimhead nas coltaiche gun tachair sin.

A-rèir an SNP b' e sin an toradh a b' fheàrr leothasan - agus an toradh a b' fheàrr do dh'Alba.

Gearraidhean

Aig cridhe a' mhanifesto seo tha teachdaireachd gu math sìmplidh - mar as motha an àireamh de bhuill nàiseantach a chuireas muinntir na h-Alba do Westminster 's ann as lugha a bhios na gearraidhean a thèid a thoirt far buidseat na h-Alba as dèidh an taghaidh.

Tha an SNP ag ràdh gu bheil iadsan cleachdte ri pàrlamaid gun mhòr-chuid - aig Holyrood.

Tha iad ag ràdh gun cuireadh iad taic ris an riaghaltas aig Westminster bhòt air bhòt - mar a nì na dùbhlanaich aig Holyrood mar-thà.

Agus airson airgead a shàbhaladh, chuireadh iadsan às do Thaigh nam Morairean, Oifis na h-Alba agus an siostam armachd niuclasaich Trident.

Tha aig an SNP ri sealltainn gu bheil iad fhathast cudromach ann an taghadh do Thaigh nan Cumantan.

Tha iad an dòchas gun dèan an argamaid aca an aghaidh ghearraidhean à Westminter an gnothach dhaibh.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 20:19 Air 2010-05-05, Sgrìobh Airson ainmean Gaidhealach:

    SNP = PNA (Partaidh Naiseanta na h-Alba)
    Holyrood = Taigh an Roid
    Brown = Mac a' Bhriuthainn neo MacGilleDhuinn

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.